Buaidh phoilitigeach san RADè am pàirt a tha aig na meadhanan ann am poilitigs na RA?

Sgrùd a' bhuaidh a tha aig na meadhanan, buidhnean strì agus aonaidhean ciùird air beatha phoilitigeach san RA.

Part ofNuadh-eòlasDeamocrasaidh san Rìoghachd Aonaichte

Dè am pàirt a tha aig na meadhanan ann am poilitigs na RA?

Tha eachdraidh fhada, neo-eisimeileach aig na meadhanan san RA le iomadh pàipear-naidheachd, agus sianailean rèidio is telebhisean. 'S e obair nam meadhanan fiosrachadh a thoirt dhan phoball air cùisean cudromach a dh'fhaodadh buaidh a thoirt orra co-dhiù 's e cùisean ionadail, nàiseanta no eadar-nàiseanta a th' annta.

Dealbh de na meadhanan a bhios a' toirt fiosrachadh do shluagh na h-Alba agus na RA

Pàipearan-naidheachd

Tha mòran dhaoine a' faighinn nam beachdan poilitigeach aca bho phàipearan-naidheachd, ach o chionn beagan bhliadhnaichean, tha an t-eadar-lìon air fàs cumanta mar stòr. Ach tha fhathast na mìltean de phàipearan-naidheachd gan reic gach latha, agus tha mòran dhaoine a' leughadh artaigilean à pàipearan-naidheachd air-loidhne. San RA 's e an Sun agus an Daily Mail na pàipearan 'mòr-chòrdte' as motha a tha daoine a' leughadh. 'S e an Times agus an Telegraph na 'sàr' phàipearan as motha a bhios daoine a' leughadh.

Pàipearan-naidheachd le cinn-naidheachd a' cur ìmpidh air Gòrdan Brown a dhreuchd fhàgail
Figure caption,
Pàipearan-naidheachd le cinn-naidheachd a' cur ìmpidh air Gòrdan Brown a dhreuchd fhàgail.

A rèir laghannan na dùthcha, chan fheum pàipearan-naidheachd a bhith cothromach. Fhad 's a tha am fiosrachadh ceart, faodaidh pàipearan-naidheachd rud sam bith a thogras iad a phriontadh. Tha seo a' ciallachadh gum faod diofar phàipearan-naidheachd na naidheachdan aithris ann an diofar dhòighean. Faodaidh diofar phàipearan-naidheachd an aon stòiridh innse ann an diofar dhòighean, a' cleachdadh diofar chinn-naidheachd agus a' gabhail bheachdan eadar-dhealaichte. Ann an taghadh nan stòiridhean aca, dealbhan agus cinn-naidheachd, faodaidh pàipearan-naidheachd a bhith gu math aon-taobhach ann am foillseachadh naidheachdan.

Aig àm taghaidh, tha pàipearan-naidheachd glè thric glè shoilleir cò am partaidh poilitigeach dham bheil iad a' toirt taic, agus 's dòcha gum brosnaich iad na leughadairean aca gu bhòtadh do phartaidh poilitigeach sònraichte. Ach chan eil sin a' ciallachadh gu bheil a h-uile neach-bhòtaidh a' tighinn gu co-dhùnadh a rèir 's dè leughas iad ann am pàipear-naidheachd. Bidh adhbharan eile aig iomadh duine a bhios a' ceannach pàipear-naidheachd, mar spòrs, no chan eil na leughas iad a' toirt buaidh orra.

TBh agus rèidio

Tha aithrisean nan naidheachdan poilitigeach eadar-dhealaichte air an telebhisean (agus air an rèidio) seach mar a tha iad ann am pàipearan-naidheachd oir tha an lagh ag iarraidh gum bi naidheachdan air an telebhisean cothromach. Tha dùil gum bi aithrisean air an telebhisean agus rèidio fìor agus cothromach san sgrùdadh aca. Tha dùil gum bi cead aig diofar riochdairean bho dhiofar phartaidhean poilitigeach am beachdan a thoirt air cùisean cudromach.

Anns na bliadhnaichean mu dheireadh, chaidh grunn dheasbadan a chraoladh agus ghabh ceannardan nan diofar phartaidhean pàirt annta. Bha na milleanan den luchd-bhòtaidh a' coimhead nan deasbadan sin. Ach a rèir sgrùdadh an dèidh nan deasbadan, bha a h-uile coltas gur e luchd-bhòtaidh eòlach a bu mhotha a bha a' coimhead nan deasbadan agus nach tug na chuala iad buaidh orra. Bha sin a' ciallachadh, ged a dh'fhaodadh coltas a bhith ann gun do 'bhuannaich' aon cheannard an deasbad, nach robh mòran buaidh aig na deasbadan air toradh an taghaidh.

Air-loidhne

Tha barrachd is barrachd ann an Alba a' cleachdadh an eadar-lìn airson fiosrachadh, gu h-àraidh meadhanan sòisealta. Aocoltach ri sianailean telebhisean agus rèidio, leigidh an t-eadar-lìon le cha mhòr duine sam bith rud sam bith a thogras iad a phostadh. Mar sin, dh'fhaodadh nach eil pàirt dhen fhiosrachadh air an eadar-lìon ceart. A dh'aindeoin sin, tha an t-eadar-lìon a' toirt cothrom do dhaoine air fiosrachadh. Tha sin a' ciallachadh gu bheil daoine nas fiosraichte na bha iad riamh mu chùisean sòisealta agus poilitigeach.

Tha sin a' toirt cothrom do phartaidhean poilitigeach ceangal a dhèanamh ris an luchd-bhòtaidh agus am beachdan a chur an cèill.