Partaidhean poilitigeach san RA
Dè th' ann am partaidh poilitigeach?
'S e buidheann dhaoine leis an aon seòrsa bheachdan is chreideasan a th' ann am partaidh poilitigeach. Tha iad a' tighinn còmhla gus na h-amasan aca a choileanadh. Bidh beachdan partaidh poilitigeach ann an sgrìobhainn ris an can sinn manifestoSgrìobhainn le iomradh air beachdan partaidh poilitigeach agus na tha iad an dùil a dhèanamh ma thèid an taghadh.. Tha manifesto a' phartaidh na bhunait airson obair a nì partaidh ma bhuannaicheas iad taghadh.
Cò na partaidhean poilitigeach a tha san RA?
Tha diofar phartaidhean san RA agus tha diofar bheachdan is phoileasaidhean aca uile. 'S iad na partaidhean as motha:
- am Partaidh Tòraidheach
- am Partaidh Làbarach
- am Partaidh Libearalach Dheamocratach
- Partaidh Neo-eisimeileachd na Rìoghachd Aonaichte (United Kingdom Independence Party no UKIP)
- am Partaidh Uaine
- Partaidh Nàiseanta na h-Alba
- Plaid Cymru anns a' Chuimrigh
- an DUP agus Sinn Féin ann an Èirinn a Tuath
A' gabhail pàirt ann am partaidhean poilitigeach
A bharrachd air a bhith a' bhòtadh ann an taghaidhean, faodaidh daoine pàirt a ghabhail ann am partaidhean poilitigeach le bhith:
- a' gabhail ballrachd ann am partaidh
- a' seasamh mar thagraiche
- a' toirt airgead do phartaidh
- a' gabhail pàirt ann an iomairtean, me a' toirt seachad bhileagan agus a' cur suas phostairean
'S àbhaist do phartaidhean poilitigeach a bhith nas soirbheachaile ma tha mòran bhall aca a tha deònach obair a dhèanamh dhaibh agus ma gheibh iad airgead bho bhuill a' phartaidh agus bho luchd-taic
Faodaidh duine sam bith a bhith na bhall ann am partaidh poilitigeach. Chan eil na cìsean airson nam prìomh phartaidhean uabhasach daor idir airson gun tarraing iad a-steach nas urrainn dhaibh de dhaoine. Aig àm taghaidh, tha riaghailtean ann a thaobh dè na dh'fhaodas partaidhean a chosg de dh'airgead.
Tha partaidhean poilitigeach air tòrr a chosg air na làraich-lìn aca agus air meadhanan sòisealta airson gum bi conaltradh nas fheàrr eadar iad agus luchd-bhòtaidh is luchd-taic. Tha PNA air na meadhanan sòisealta a chleachdadh gu h-èifeachdach gus taic a chur ri iomairtean an taghaidh ann an 2019 agus 2021.