Dè a tha an lùib dreuchd BP?
'S e obair nam Ball Pàrlamaid a bhith a' riochdachadh nan daoine a tha a' fuireach san roinn-phàrlamaid aca – fiù 's an fheadhainn nach do bhòt air an son no nach do bhòt idir.
Aig a' cheart àm, tha cuid de BhP air na air a' bheinge-chùilBP aig nach eil obair anns an riaghaltas no nach eil na neach-labhairt air a' bheinge-aghaidh do phartaidh dùbhlanach. a' faireachdainn gu bheil dleastanas aca dhan phartaidh phoilitigeach aca.
Bidh BP a' riochdachadh nan daoine san roinn-phàrlamaid aca ann an cùisean air am bi Pàrlamaid na RA a' dèanamh cho-dhùnaidhean, me in-imrich no dìon. Bidh BP an dara cuid a' deasbad no a' faighneachd cheistean ann an Taigh nan Cumantan, no bidh iad ag obair ann am buidhnean nas lugha ris an canar comataidhean.
Am measg rudan cudromach eile a bhios BP a' dèanamh tha dèanamh laghan agus sgrùdCoimhead no thoir sùil air rud gu dlùth. air obair an riaghaltais no cùisean a rannsachadh.
Bhidio – Dreuchd nam BP
Coimhead a' bhidio seo a tha a' mìneachadh dreuchd nam BP is nam BPA agus mar a bhios iad a' cumail sùil air obair an riaghaltais.
The role of MPs and MSPs in Parliament
Dè an obair a tha aig BP taobh a-staigh na pàrlamaid?
Bho latha gu latha, bidh BP a' riochdachadh an luchd-bhòtaidh sna roinnean-pàrlamaid aca le bhith:
- a' sgrìobhadh gu no a' cur coinneamh air dòigh còmhla ri ministear iomchaidh
- a' bruidhinn sa Phàrlamaid ann an deasbadan
- a' faighneachd cheistean aig àm Ceistean a' Phrìomhaire
- a' cur air adhart Bhileachan Bhall air cuspairean a tha a' dèanamh dragh dhan luchd-bhòtaidh sna roinnean-pàrlamaid aca
- a' coiteachadh ri buidhnean eile (mar comhairlean ionadail, bùird-shlàinte) agus ri daoine fa leth às leth an luchd-bhòtaidh
- a' tarraing aire nam meadhanan gu cuspair air choreigin
- a' gabhail pàirt ann an comataidhean a bhios a' sgrùdadh reachdasLagh sònraichte, no grunn laghan co-cheangailte. ùr no a' cur ceist ann an obair an riaghaltais
Bilean Prìobhaideach
Ged nach eil mòran ùine ri fhaotainn, dh'fhaodadh gum feuch iad ri Bile Prìobhaideach Buill a thogail. Sin Bileachan Poblach a chaidh a thogail le BP agus Morairean nach eil nam ministearan riaghaltais.
Coltach ri Bileachan Poblach eile, tha iad ag amas air an dòigh anns a bheil lagh a' buntainn ris an t-sluagh atharrachadh. Chan eil ach a' bheag-chuid de Bhileachan Prìobhaideach Buill gan cur an gnìomh, ach le bhith gan cur fa chomhair a' mhòr-shluaigh, dh'fhaodadh iad buaidh neo-dhìreach a thoirt air reachdas.
Tha Achd Lùghdachadh Dìth Dachaigh (2017) na h-eisimpleir air Bile Prìobhaideach a bha soirbheachail. Chaidh am Bile a thoirt air adhart leis a' BP Thòraidheach airson Harrow East, Bob Blackman.
Chaidh an Achd seo a dhreachdadh bho cho-chomhairleachadh còmhla ri panail eòlaichean mar an carthannas airson dìth dachaigh Crisis, a chaidh a thogail air Achd an Taigheadais (Daoine gun Dachaigh) 1977 le bhith a' cur an uallaich air ùghdarrasan thaigheadais ionadail airson feumalachdan dhaoine gun dachaigh, no daoine a tha ann an cunnart a bhith gun dachaigh ge bith an ann an aghaidh an toil a tha sin no 'gun dachaigh le toil'.
Cuip
'S e cuip a chanar ri BP bhon phartaidh a tha a' riaghladh a bhios a' dèanamh cinnteach gun cuir an co-obraichean taic ris an riaghaltas agus gum bhòt iad air taobh am poileasaidhean. Aig amannan, dh'fhaodadh gum biodh beachdan a' phartaidh a' dol calg-dhìreach an aghaidh beachdan muinntir na roinn-phàrlamaid.
Dè an obair a tha aig BP taobh a-muigh na pàrlamaid?
Nuair nach eil iad ag obair anns a' pàrlamaid, bidh BP ag obair san roinn-phàrlamaid aca.
Bidh iad:
- a' conaltradh ri na daoine le bhith a' sgrìobhadh litrichean, puist-d agus a' fònadh gu daoine
- a' cumail 'suirdsearaidhean' far am faod muinntir na roinn-phàrlamaid am BP a choinneachadh agus ceistean fhaighneachd, mar as trice airson cuideachadh fhaighinn le trioblaid no cùis
- a' sgaoileadh cuairt-litir agus a' cumail fiosrachadh ri na daoine a tha iad a' riochdachadh tro na làraich-lìn aca, no tro mheadhanan sòisealta eile
- a' dol gu coinneamhan is tachartasan eile far am bi iad a' coinneachadh ri buidhnean on roinn-phàrlamaid agus a' bruidhinn mun deidhinn
Bidh BP tric a' coinneachadh ris a' phartaidh phoilitigeach aca fhèin san roinn-phàrlamaid aca. Tha feum aca air taic bhon phartaidh aig ìre ionadail airson dèanamh cinnteach gur iad a thèid a chur air adhart mar thagraiche san ath thaghadh pàrlamaid. 'S ann ainneamh a thèid BP a thaghadh aig nach eil ceangal ri partaidh poilitigeach. Air an 23mh Sultain 2023, tha 18 BP neo-eisimeileach ann.
BP à Alba ann a' Westminster
Tha 57 BP a' riochdachadh luchd-bhòtaidh à Alba ann am Pàrlamaid na RA ann a' Westminster.
Bidh na BP Albannach mar as trice a' riochdachadh luchd-bhòtaidh anns na raointean nach eil tiomnaichte do Phàrlamaid na h-Alba leithid tèarainteachd shòisealta, dìon agus obair.
Tha a' chòir aig BP Albannach bruidhinn agus bhòtadh air cùis sam bith a nochdas ann am Pàrlamaid na RA. Mar eisimpleir, faodaidh Taigh nan Cumantan cùisean a dheasbad air foghlam no slàinte, nach toir buaidh gu dìreach air Alba, bhon a tha na cùisean sin tiomnaichte do Phàrlamaid na h-Alba.