Dè bhios a' Phàrlamaid a' dèanamh?
Coimhead a' bhidio seo a tha a' mìneachadh Pàrlamaid na RA agus mar a tha e ann an dà phàirt: Taigh nan Cumantan agus Taigh nam Morairean.
What does the UK Parliament do?
Dè na rudan a tha an urra ris a' Phàrlamaid?
Tha e an urra ris a' Phàrlamaid laghan na dùthcha a dhearbhadh agus atharrachadh.
'S e an riaghaltas a bhios a' moladh a' mhòr-chuid dhe na laghan ùra a thèid a chur chun na Pàrlamaid. Airson lagh ùr a phasaigeadh, feumaidh an dà chuid Taigh nan Cumantan agus Taigh nam Morairean aontachadh gur e deagh rud a bhiodh ann. Ach 's e Taigh nan Cumantan a-mhàin a bhios a' co-dhùnadh air bilean ionmhais, leithid mholaidhean airson chìsean ùra. Faodaidh na Morairean beachdachadh air na bileachan sin, ach chan fhaod iad am bacadh no an atharrachadh.
Tha dleastanas air BP airson sùil a chumail air obair an riaghaltais. Mar sin bidh buill à Taigh nan Cumantan agus à Taigh nam Morairean a' coimhead air mar a tha an riaghaltas a' cosg an airgid a tha iad a' faighinn bho chìsean.
Dè th' ann an Comataidhean Taghte?
'S e aon dòigh a tha aig BP air an riaghaltas a sgrùdadh no sùil a chumail orra, a bhith a' coinneachadh gu cunbhalach ann am buidhnean beaga ris an canar comataidhean taghte. Faodaidh na comataidhean seo molaidhean a chur chun an riaghaltais air cuspairean sònraichte mar foghlam, an àrainneachd agus cùisean cèin.
Mar eisimpleir, tha Comataidh nan Athchuingean ann an Taigh nan Cumantan airson beachdachadh air athchuingean sam bith no e-athchuingean a chuireas ball air adhart, agus airson molaidhean a dhèanamh air dè na h-athchuingean a bu chòir a dheasbad anns a' Phàrlamaid.
Bidh na molaidhean bho chomataidh thaghte air an toirt do cheannard na roinn riaghaltais (ris an canar ministear) ris a bheil a' chùis sin an urra. Tha seo a' ciallachadh gum bi aithisgean le Comataidh na Slàinte a' dol chun a' mhinisteir le uallach airson na cuid sin de phoileasaidh na slàinte.
Dè th' ann an Comataidhean Bhilean?
Tha Comataidhean Bhilean air an stèidheachadh air bunait shealach airson sgrùdadh a dhèanamh air laghan ùra a tha air am moladh.
Mar eisimpleir, chaidh Comataidh Bile Cànan Balbhachd Bhreatainn a stèidheachadh airson sgrùdadh a dhèanamh air lagh a bha air a mholadh airson BSL aithneachadh mar chànan air leth ann an Sasainn, sa Chuimrigh agus ann an Alba. Sgaoil a' chomataidh seo nuair a chaidh am Bile na Achd Pàrlamaid anns a' Ghiblean 2022.