Riochdachadh poilitigeach san RADè bhios Riaghaltas na RA a' dèanamh?

Tha pàrlamaid na RA air a dèanamh suas de Thaigh nan Cumantan agus Taigh nam Morairean. Bidh Buill Phàrlamaid (BP) a tha air an taghadh a' bhòtadh air cùisean agus air laghan a tha a' toirt buaidh air an RA.

Part ofNuadh-eòlasDeamocrasaidh san Rìoghachd Aonaichte

Dè bhios Riaghaltas na RA a' dèanamh?

Tha e an urra ri Riaghaltas na RA an dùthaich a ruith agus co-dhùnadh air mar a thèid airgead bho chìsean a chosg. Tha dleastanas air na diofar roinnean dhen riaghaltas airson diofar raointean, mar eisimpleir, Roinn na Slàinte no Roinn na Còmhdhail.

Tha Riaghaltas na RA air a chruthachadh leis a' phartaidh phoilitigeach (no co-bhanntachd de phartaidhean) as motha aig a bheil de riochdairean ann an Taigh nan Cumantan, agus tha am Prìomhaire os a chionn. Bidh am Prìomhaire a' taghadh sgioba de BP agus buill de Thaigh nam Morairean airson cuideachadh le bhith a' riaghladh na dùthcha.

Bidh a h-uile BP eile agus buill de Thaigh nam Morairean a' dèanamh obair na pàrlamaid.