Atharrachadh na gnàth-shìde agus truailleadh ann an Sìona
Dè na tha Sìona a' cur ri atharrachadh na gnàth-shìde?
Tha Sìona a' cur gu mòr ri atharrachadh na gnàth-shìde. Gach bliadhna tha i a' cur a-mach còrr is cairteal de dh'eimiseanan gas taigh-glainne an t-saoghail, agus nam measg tha carbon dà-ogsaid, meatàn agus naitreas ogsaid bho ghnìomhachas a' ghuail agus mar thoradh air bailteachadh gu math luath. (Stòr: Council on Foreign Relations)
Bhon a tha gluasad cho mòr air a bhith ann gu daoine a' fuireach agus ag obair ann am bailtean, tha àireamh nan carbadan air na rathaidean air a dhol suas gu mòr. Ann an 2004, bha càr aig 27 millean neach, ann an 2022 bha mu 515 millean carbad motair ann an Sìona. (Stòr: Ministry of Public Security, Sìona) Tha Sìona a' dèanamh oidhirp air coimhead ri ceistean co-cheangailte ri atharrachadh na gnàth-shìde. Tha iad air geallaidhean a thoirt air neo-phàirteachd carbon, targaidean airson stòrasan lùth ath-nuadhachail agus beagachadh ann an dèinead carbon. Ach tha buaidhean draghail atharrachadh na gnàth-shìde gam faicinn mar-thà tro ìre na mara ag èirigh, uisge trom, agus sìde anabharr a tha a' cur às do bhàrr agus a' marbhadh nan ceudan de Shìonaich gach bliadhna. (Stòr: Council on Foreign Relations)
Ciamar a tha truailleadh ann an Sìona?

Bidh gnìomhachasan ùra a' toirt a-steach obraichean le pàigheadh nas fheàrr agus barrachd airgid, ach faodaidh truailleadh a bhith nan cois cuideachd. Tha mòran de mhòr-bhailtean Shìona air feadhainn cho truaillte 's a tha air an t-saoghal air sgàth ceò bho fhactaraidhean no toit bho chàraichean.
Tha ìrean truaillidh sna ceithir mòr-bhailtean as motha ann an Sìona air a dhol thairis air ìrean sàbhailte Buidheann Slàinte na CruinnePàirt dhe na Dùthchannan Aonaichte a tha a' cumail sùil air slàinte air feadh an t-saoghail. (World Health Organization no WHO). Tha dragh ann mun bhuaidh a dh'fhaodadh truailleadh a thoirt air slàinte dhaoine san àm ri teachd.
Dè a' bhuaidh a tha aig atharrachadh na gnàth-shìde air Sìona?
Anns an Dàmhair 2021, bhàsaich co-dhiù 15 duine ann an uisge trom agus tuiltean ann am mòr-roinn Shanxi aig tuath. Ri linn nan tuiltean, b' fheudar do chòrr is 120,000 duine gluasad gu àiteachan nas sàbhailte agus chaidh na mìltean de dhachaighean a sgrios.
Sa Chèitean 2015 thuirt Ministear an Riaghaltais, Premier Li, gum feum Sìona strì mhòr a dhèanamh an aghaidh truailleadh. Bha glanadh na dùthcha na phrìomhachas. Tha stèiseanan cumhachd a tha a' losgadh gual agus a tha a' dèanamh truailleadh uabhasach air an àile a' dol a dhùnadh, thèid na billeanan a chosg a' leasachadh càileachd na h-èadhair agus thèid luchd-truaillidh a pheanasachadh.
Aig àrd-choinneamh COP26 ann an Glaschu, cha do chuir Sìona taic ri aonta a chuidicheadh le bhith a' gearradh sìos air na thathar a' cleachdadh de ghual san dùthaich. Cha do dh'aontaich iad eimiseanan meatan a lùghdachadh nas mò. Dh'aontaich iad ge-tà cuideachadh gus stad a chur air dì-choillteachadh, agus dh'aontaich Sìona agus Na Stàitean Aonaichte taic a chur ri co-obrachadh a thaobh na gnàth-shìde thairis air an deichead ri thighinn.