Ciamar a tha foghlam ann an Sìona?
Feumaidh a h-uile pàiste ann an Sìona a dhol dhan sgoil airson naoi bliadhna. 'S e an riaghaltas a tha a' ruith siostam an fhoghlaim agus tha e an-asgaidh dhan h-uile duine airson naoi bliadhna.

An dèidh naoi bliadhna, mu aois 15, chan fheum clann a dhol dhan sgoil. Ma tha sgoilearan airson leantainn ris an fhoghlam agus a dhol dhan t-sàr àrd-sgoil, feumaidh iad deuchainnean a phasaigeadh sa bheil co-fharpais uabhasach chruaidh, airson faighinn a-steach. An dèidh trì bliadhna san t-sàr àrd-sgoil, dheigheadh mòran sgoilearan dhan oilthigh no gu colaiste theicnigneachd.

Airson siostam an fhoghlaim a leasachadh, gu h-àraidh ann an sgìrean bochda air an dùthaich, stèidhich riaghaltas Shìona ionmhas gus na mìltean de sgoiltean a thogail no a leasachadh.
Tha an riaghaltas cuideachd a' cosg barrachd airgid airson piseach a thoirt air teagasg. Thàinig leasachadh air deuchainnean inntrigidh nan sàr àrd-sgoiltean ann an 2015 gus nach biodh uiread de dh'uallach air sgoilearan.
An coimeas ri slatan-tomhais eadar-nàiseanta, tha an t-sùim a tha Sìona a' cosg air foghlam ìosal, ach ag èirigh, mu 3.5% GDP an taca ris an RA a tha a' cosg 5.8%. (Stòr: Banc an t-Saoghail). Tha toradh dheuchainnean air a bhith nas fheàrr, agus tha reatan litearrais na h-òigridh faisg air 100%. Tha coileanadh ann am matamataig is ann an saidheans air leth math. Ach chan eil curraicealam Shìona cho farsaing 's a tha an curraicealam ann an iomadh dùthaich eile, agus tha neo-ionannachd nach beag eadar foghlam sna bailtean agus foghlam air an dùthaich.
Neo-ionannachd ann am foghlam bailteil agus dùthchail ann an Sìona
Tha teagasg ann an sgoiltean air an dùthaich, far nach eil uiread de mhaoineachadh, a' ciallachadh nas lugha de stuthan teagaisg, teicneòlas, stòrasan agus ìre foghlaim nach eil cho math.
An dèidh naoi bliadhna de dh'fhoghlam an-asgaidh, faodaidh cosgais leabhraichean, teagasg agus cìsean sgoile a dhèanamh nas dorra do chlann ann an sgìrean nas bochda air an dùthaich fuireach anns an sgoil. Mun àm a bhithear an dùil gum pàigh teaghlaichean cìsean àrd-sgoile, bidh dà thrian de sgoilearan ann an sgìrean dùthchail air sgur a dhol a dhan sgoil.
Aig ìre oilthigh, bidh còrr is 70% de sgoilearan nam bailtean a' leantainn orra gu foghlam àrd ìre, an coimeas ris nas lugha na 5% de sgoilearan air an dùthaich. (Stòr: The Borgen Project)