Buidhnean G7 agus G20
Buaidh eaconamach
Tha Sìona na ball de G7 agus G20. Tha a' mhòr-chuid dhe na dùthchannan leis na h-eaconamaidhean as motha anns na buidhnean sin.
Bidh coinneamhan cheannardan nan dùthchannan G7 agus G20 a' toirt cothrom dha na SA, agus do bhuill eile dhen bhuidheann, ceanglaichean eaconamach nas dlùithe a thogail airson malairt a leudachadh. Cuideachd, tha e a' toirt fòram eile dha na SA airson còmhradh mu chùisean cruinneil mar:
- cùisean àrainneachdail
- ceannairc
- còmhstri
- bochdainn
Buaidh Shìona ann an Afraga
Tha Sìona air a' bhuaidh aice a chur am meud ann an Afraga tron iomairt Belt and Road aice. Mar eisimpleir, tha Sìona air a bhith an sàs ann an togail loidhnichean rèile ùra ann an Etiòpia, Nigeria agus Ceinia.
A thaobh mòran dhe na pròiseactan, feumaidh na dùthchannan a tha an sàs anns an iomairt a' chosgais a phàigheadh air ais do Shìona.
'S e Sìona as motha a tha a' dèanamh de mhalairt ri Afraga le malairt luach còrr is $200 billean gach bliadhna.