Atharrachadh sòisealta agus eaconamach ann an SìonaCiamar a tha cùram slàinte ann an Sìona?

Tha an t-uabhas atharrachaidhean sòisealta agus eaconamach air a bhith ann an Sìona sna 30-40 bliadhna mu dheireadh.

Part ofNuadh-eòlasCumhachdan an t-saoghail: Sìona

Ciamar a tha cùram slàinte ann an Sìona?

Dè an seòrsa siostam cùram slàinte a th' ann an Sìona?

Dotair a' coimhead ann an amhaich pàiste
Figure caption,
Faodaidh inbhe cùram slàinte a bhith gu math eadar-dhealaichte air feadh Shìona (Henry Westheim Photography / Alamy Stock Photo)

Ann an Sìona, tha a' chuid as motha de chùram-slàinte ga thoirt seachad leis an riaghaltas tro shiostam àrachas slàinte, me an sgeama a tha stèidhichte air obair ris an canar Bun-àrachas Meidigeach. Feumar pàigheadh airson cuid de sheirbheisean.

Tha àrachas slàinte air a mhaoineachadh ann an diofar dhòighean a rèir 's càit a bheil daoine a' fuireach (pàighte an ìre mhath le subsadaidhean bhon riaghaltas), no a rèir 's cò dha a tha iad ag obair (pàighte le luchd-obrach agus an luchd-fastaidh). Tha cuid de chùram slàinte pàighte gu dìreach leis na daoine fhèin.

Mar thoradh air a sin, faodaidh am maoineachadh a bhith gu math diofraichte agus faodaidh nach bi seirbheisean aig ìre cho math ann an sgìrean nas bochda no do dhaoine le teachd-a-steach nas ìsle. Tha dìth trèanaidh, dìth foghlaim agus dìth maoineachaidh a' ciallachadh gu bheil cùisean air a bhith doirbh do dhotairean teaghlaich, clionaigean ionadail agus ionadan meadaigeach an taca ri ospadail le maoineachadh nas fheàrr.

Tha maoineachadh airson cùram slàinte air a bhith stèidhichte air leigheas galair. 'S ann dìreach o chionn ghoirid a tha am fòcas air gluasad gu slàinte phoblach, gu bhith ag amas air tinneas a sheachnadh agus gu bhith a' brosnachadh dòigh-beatha nas fhallaine.

Bho chionn ghoirid, chuir an riaghaltas air dòigh Healthy China 2020. 'S e plana coitcheann a tha seo a bheir cùram-slàinte do mhuinntir Shìona air feadh na dùthcha. Thug riaghaltas Shìona na billeanan seachad airson taic a chur ris a' phlana seo.

Dè na tha de reamhrachd ann an Sìona?

Luchd-baidhsagal ag eacarsaich ann am Beijing
Figure caption,
Luchd-baidhsagal ag eacarsaich ann am Beijing.

Tha reamhrachd a' dèanamh duilgheadas ùr ann an Sìona. Tha atharrachadh san dòigh-beatha a' ciallachadh gu bheil barrachd dhaoine ag ithe biadh luath is nach eil iad a' dèanamh uiread de dh'eacarsaich.

Ann an 2020, bhathar a' meas gun robh an dàrna leth dhen t-sluagh ann an Sìona ro throm (overweight), le 16.4% dhiubh sin ro reamhar (obese).

Tha e na dhuilgheadas dhan riaghaltas gu bheil reamhrachd a' dol am meud. Tha tinneasan mar diabetes air fàs nas bitheanta.

Tha riaghaltas Shìona ag ràdh gu bheil iad a' dèiligeadh ri reamhrachd le bhith:

  • a' trèanadh barrachd luchd-beathachaidh slàinte
  • a' toirt barrachd foghlam slàinte ann an sgoiltean is ann an àitean-obrach
  • a' brosnachadh sgoiltean gu bhith a' toirt seachad biadh sgoile nas fhallaine

Tha cuid de dh'eòlaichean slàinte ag ràdh gum feum leubailean nas fheàrr a bhith air biadh, agus casg a chur air cuid de shanasachd gus ithe nas fhallaine a bhrosnachadh.