Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Atharrachadh sòisealta agus eaconamach ann an SìonaImrich taobh a-staigh na dùthcha

Tha an t-uabhas atharrachaidhean sòisealta agus eaconamach air a bhith ann an Sìona sna 30-40 bliadhna mu dheireadh.

Part ofNuadh-eòlasCumhachdan an t-saoghail: Sìona

Imrich taobh a-staigh na dùthcha

Luchd-obrach a tha nan imrich aig Stèisean Rèile Guangzhou, mòr-roinn Guangdong
Figure caption,
Luchd-obrach a tha nan imrich aig Stèisean Rèile Guangzhou, mòr-roinn Guangdong.

Bhon ghluasad a dh'ionnsaigh calpachas deireadh nan 1970an, tha an imrich sluaigh as motha riamh taobh a-staigh dùthaich ann an eachdraidh air tachairt ann an Sìona. Sna 35 bliadhna mu dheireadh, dh'fhàg na ceudan mhilleanan dhaoine an dachaighean agus na bailtean beaga airson obair a lorg ann am bailtean na bu mhotha agus ann am mòr-bhailtean, a' mhòr-chuid dhiubh air an taobh an ear. Ann an 2021, bhathar a' meas gun robh co-dhiù 292 millean neach dhe na bha ag obair nan imrich.

Tha an àireamh mhòr de luchd-obrach a tha nan imrich a' toirt cothrom do riaghaltas Shìona feum a dhèanamh dhe na tha de dhaoine òga ann a tha deiseil airson obair.

Gu ìre mhòr, tha Sìona air a bhith soirbheachail leis a seo, agus tha an eaconamaidh a-nis cho mòr ri eaconamaidh nan SA agus, gu h-iomlan, nas beairtiche.

Air an làimh eile, tha dragh air riaghaltas Shìona mun àireamh dhaoine a tha gun obair agus nach eil a' faighinn taigh. Ma bhios cus dhaoine mì-riaraichte le Partaidh Comannach Shìona, dh'fhaodadh gum biodh iad a' togail fianais fad' is farsaing agus gum biodh iad an-fhoiseil.

Mar sin, tha riaghaltas Shìona air a bhith a' cur cuideam air obraichean a chruthachadh, agus air siostam tèarainteachd shòisealta a chruthachadh a chòmhdaicheas cion cosnaidh, peinnseanan, tinneas, fòrladh màthaireil agus leòn san àite-obrach. Chaidh siostam tèarainteachd sòisealta Shìona an cèill ann an Lagh Àrachas Sòisealta 2011.