'S e Comhairle na Tèarainteachd a' chuid dhe na Dùthchannan Aonaichte a tha an urra ri dèanamh-sìthe agus cumail-sìthe a bharrachd air smachd-bhannan eadar-nàiseanta. Mar bhall maireannach de Chomhairle Tèarainteachd a' UN, tha buaidh glè mhòr aig Sìona.
Tha còig bhuill mhaireannach air a' Chomhairle (Na SA, Sìona, Caidreachas na Ruis, an Fhraing, an RA). Tha a' chumhachd aca bhòtadh an aghaidh, agus an ìre mhath veto a chur air moladh sam bith a chuireas Comhairle na Tèarainteachd air adhart.
Tha Sìona air a' veto aice a chleachdadh naoi tursan anns na deich bliadhna mu dheireadh. Bha ochd dhiubh sin mu dheidhinn Siria agus aon mu Bhenesuela.