Sìona: dùthaich ag atharrachadh
Ciamar a dh'atharraich Sìona bho na 1980an?

Gu tràth sna 1980an, bha a' mhòr-chuid de mhuinntir Shìona a' fuireach air an dùthaich agus bha dòigh-beatha thraidiseanta aca. Bha am beatha cruaidh, agus cha robh mòran aca. 'S e glè bheag de dhaoine beairteach a bh' ann.
On uair sin, dh'fhaodadh tu a ràdh gun do dh'atharraich Sìona barrachd na dh'atharraich dùthaich sam bith eile air an t-saoghal.
Chaidh na ceudan mhilleanan dhaoine a thoirt bho bhochdainn (ged nach eil neach àbhaisteach à Sìona sa chumantas cho beairteach ri neach àbhaisteach à Alba). Tha an àireamh a tha beairteach no glè bheairteach air a dhol suas gu mòr cuideachd. Thathar an dùil gu bheil còrr is sia millean milleanair ann an Sìona a-nis.
Carson a dh'fhàs mòran Shìonaich nas beairtiche?
Cha b' àbhaist gun robh Sìona a' cur fàilte air gnothachasan prìobhaideach (fa leth) no air gnothachasan à dùthchannan eile. Aig an àm ud cha robh riaghaltas Shìona a' creidsinn gun robh gnothachasan prìobhaideach (calpachasSiostam eaconamach stèidhichte air gnìomhachasan prìobhaideach, seach leis an stàit, airson prothaid a dhèanamh.) math do Shìona.
Nuair a chaidh an Ceann-suidhe Deng Xiaoping os cionn na dùthcha, bhrosnaich e gluasad air falbh bho comannachdSiostam eaconamach far a bheil a h-uile modh dèanaimh eadar innealan, factaraidhean agus stuthan amh leis a' choimhearsnachd gu lèir. Bidh gach neach fa leth a' cur ris a' choimhearsnachd a rèir an comais agus a' faighinn bhuannachdan a rèir am feumalachdan. Tha seo a' ciallachadh nach eil rangachd ann a rèir clas sòisealta. agus dh'fhosgail e Sìona do mhalairt chèin.

Ghluais companaidhean eadar-nàiseanta mar Ford Motors agus Coca-Cola a-steach a Shìona san spot. Thòisich iad a' fastadh dhaoine ann am factaraidhean ùra. Bha an tuarastal aca trì no ceithir uiread na gheibheadh iad ag obair air an dùthaich.
Chaidh daoine cuideachd a bhrosnachadh gu bhith a' tòiseachadh ghnothachasan iad fhèin, no còmhla ri daoine eile, sna mòr-bhailtean no sna bailtean beaga san robh iad a' fuireach.
An-diugh, tha an gnothachas fhèin aig iomadh duine ann an Sìona, no tha iad ag obair do chompanaidhean soirbheachail, eadar-nàiseanta. Tha Zhang Yin air boireannach cho beairteach 's a th' air an t-saoghal. Tha i na billeanair an dèidh gnìomhachas ath-chuairteachadh pàipeir a stèidheachadh.
A rèir Ionad an Eaconamas agus Rannsachadh Gnothachais (The Centre for Economics and Business Research) anns na 2030an, bidh eaconamaidh Shìona nas motha na eaconamaidh Stàitean Aonaichte Ameireaga.