Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Atharrachadh sòisealta agus eaconamach ann an SìonaDè na tha de bhuaidh chruinneil aig Sìona?

Tha an t-uabhas atharrachaidhean sòisealta agus eaconamach air a bhith ann an Sìona sna 30-40 bliadhna mu dheireadh.

Part ofNuadh-eòlasCumhachdan an t-saoghail: Sìona

Dè na tha de bhuaidh chruinneil aig Sìona?

Ged nach e mòr-chumhachd a th' ann an Sìona fhathast, tha a' bhuaidh aice a' fàs a thaobh na h-eaconamaidh agus a thaobh a h-armailt.

Buaidh armailteach

Ged a tha armailtean nan SA air am meas mar an fheadhainn as adhartaiche air an t-saoghal, tha armailtean Shìona fada nas motha. Tha mu 2.8 millean saighdear, seòladair agus neach-adhair ann an armailtean Shìona – a dhà uiread 's a tha aig na SA.

Tha còmhstri mu thìrean air a bhith ann am Muir Shìona a Deas. Tha an sgìre seo cudromach a thaobh malairt chruinneil. Tha bàtaichean Sìonach air maill a chur air obair cuid de dhùthchannan. Nam measg sin, tha iasgach agus lorg airson ola, agus tha na SA, Astràilia agus an RA air bàtaichean-cogaidh a chur dhan sgìre.

San t-Sultain 2021, rinn na SA aonta ùr ris an RA agus ri Astràilia ris an canar AUKUS. Thugadh cunntas air a seo mar aonta an aghaidh Shìona, ged nach robh iomradh air an dùthaich anns an naidheachd gun a meadhanan.