Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Atharrachadh sòisealta agus eaconamach ann an SìonaCion cosnaidh ann an Sìona

Tha an t-uabhas atharrachaidhean sòisealta agus eaconamach air a bhith ann an Sìona sna 30-40 bliadhna mu dheireadh.

Part ofNuadh-eòlasCumhachdan an t-saoghail: Sìona

Cion cosnaidh ann an Sìona

Dè na tha de chion cosnaidh ann an Sìona?

Daoine gun chosnadh a' coimhead ri sanasan-obrach ann am baile Shenzhen, Sìona
Figure caption,
Daoine gun chosnadh a' coimhead ri sanasan-obrach ann am baile Shenzhen, Sìona.

A rèir Banca an t-Saoghail, ann an 2023, tha cion cosnaidh ìosal, (4.1% dhen luchd-obrach gu lèir). Ach tha mòran a' cumail a-mach gu bheil an àireamh cheart a tha gun obair fada nas motha.

'S e aon adhbhar gu bheil an àireamh cion cosnaidh ìosal ann an Sìona nach eil seòladh maireannach aig na milleanan a dh'fhàg na bailtean beag airson obair fhaighinn sna mòr-bhailtean. Tha sin a' ciallachadh nach eil iad air an cunntas sna h-àireamhan oifigeil airson cion cosnaidh.

Seach gu bheil na h-àireamhan gun obair a' dol suas, tha fàs san eaconamaidh na phrìomhachas aig riaghaltas Shìona. Ma tha an eaconamaidh a' fàs, bidh barrachd iarraidh air luchd-obrach a tha a' toirt seachad bathar is seirbheisean. Bidh sin a' cuideachadh gus cion cosnaidh a chumail sìos.

Tha fàs eaconamach ann an Sìona air beagachadh o chionn greis, ach sa mhòr-chuid dhe na 20 bliadhna mu dheireadh, tha e air a bhith gu math nas motha na bha e san RA, san Roinn Eòrpa no sna SA.

Tha riaghaltas Shìona air an siostam cheadan, a chleachd a bhith a' bacadh dhaoine bho bhith a' gluasad, a shìmpleachadh. Tha seo airson gum bi e nas fhasa do dhaoine obair a lorg. Tha iad cuideachd air a bhith a' brosnachadh ghnothachasan agus entrepreneuraichean gu bhith a' lorg mhargaidean ùra do bhathar Sìonach thall thairis.