Deamocrasaidh ann an AlbaBuidhnean strì ann an Alba

Tha Riaghaltas na h-Alba a' coimhead às dèidh chùisean tiomnaichte mar slàinte, agus tha ùghdarrasan ionadail Albannach a' lìbhrigeadh sheirbheisean mar sgoiltean. Tha riaghaltas na RA an urra ri cùisean glèidhte mar poileasaidh cèin.

Part ofNuadh-eòlasAlba

Buidhnean strì ann an Alba

Ann an taghaidhean, bidh daoine a' taghadh cò na riochdairean a tha iad ag iarraidh airson a bhith a' dèanamh cho-dhùnaidhean às an leth. 'S dòcha gum bi ceithir no còig a bhliadhnaichean eadar taghaidhean. Mar sin feumaidh dòighean eile a bhith aig daoine gus buaidh a thoirt air na riochdairean aca.

'S e buidhnean strì aon dòigh air sin a dhèanamh. 'S e buidhnean de dhaoine leis na h-aon bheachdan a th' ann am buidhnean strì. Chan eil buidhnean strì ag iarraidh cumhachd dhaibh fhèin. 'S ann a tha iad ag iarraidh buaidh a thoirt air an fheadhainn aig a bheil a' chumhachd.

Ciamar a bhios buidhnean strì ag obrachadh?

Bidh buidhnean strì a' cleachdadh grunn dhòighean laghail gus am beachdan a chur an cèill:

  • A' gabhail pàirt ann am fianais-dhùbhlain, caismeachdan no ralaidhean
  • A' cur athchuingean air dòigh
  • A' coiteachadh (a' bruidhinn gu dìreach ri) BPA no ri comhairlichean
  • A' sgrìobhadh litrichean gu luchd-poilitigs no gu pàipearan-naidheachd
  • A' dèanamh agallamhan a nochdas sna meadhanan
  • A' gabhail pàirt ann an iomairtean follaiseachd airson aire nam meadhanan fhaighinn
Ìomhaigh a’ riochdachadh diofar dhòighean air am bi buidhnean strì ag iomairt airson atharrachaidhean a thoirt gu buil.

Air sàillibh laghan ùra leithid Saorsa Fiosrachaidh, an t-eadar-lìon, lìonraidhean sòisealta agus meadhanan a tha a' cumail fiosrachadh rinn gach uair de gach latha, tha buidhnean strì mothachail air a' chumhachd a th' aca. Tha iad a' sìor fhàs proifeiseanta san dòigh anns a bheil iad ag obair.

Tha iomadh buidheann strì ann an Alba a tha a' feuchainn ri buaidh a thoirt air co-dhùnaidhean poilitigeach.

Mar eisimpleir, leis gu bheil smachd aig Alba air foghlam agus slàinte, bidh fòcas làidir aig buidhnean strì a tha an sàs anns na cùisean seo air Pàrlamaid na h-Alba oir tha poileasaidhean na h-Alba orra sin a-nis gu math eadar-dhealaichte bhon chòrr den RA.

Buidhnean strì air an taobh a-staigh ann an Alba

Tha buidhnean strì an 'taobh a-staigh' ag obair le taic bhon riaghaltas. Bidh an riaghaltas tric a' dol thuca airson comhairle mu phoileasaidhean. Bidh iad a' conaltradh ris an riaghaltas gu cunbhalach.

Mar eisimpleir, 's e buidheann strì do thidsearan a th' ann an aonadh an EIS. 'S ann glè ainneamh a chuireas iad fianais-dhùbhlain no caismeachd air dòigh. An àite sin, 's àbhaist dhaibh coinneamhan a chur air dòigh còmhla ri Riaghaltas na h-Alba. Tha iad buailteach a bhith air cùl chùisean agus air falbh bho na camarathan airson buaidh a thoirt air co-dhùnaidhean.

Buidhnean strì air an taobh a-muigh ann an Alba

Neach-togail-fianais le sanas

Cha bhi an riaghaltas a' cur taic ri amasan buidhnean a-muigh. Bidh na buidhnean seo tric a' cleachdadh nam meadhanan airson aire an t-sluaigh a tharraing.

Mar eisimpleir, 's e buidheann-tagraidh a th' ann an Save Whiteinch Library a tha ag iomairt airson leabharlann ann an Glaschu a chumail fosgailte. Tha iad air fianais a thogail aig an leabharlann, thòisich iad athchuinge agus tha iad air bruidhinn ris na meadhanan mun iomairt aca, agus a' cur cuideam air cho cudromach 's a tha an leabharlann dhan choimhearsnachd ionadail.

More guides on this topic