Obair Ball Pàrlamaid na h-Alba
Dè bhios BPA a' dèanamh?
Tha ochdnar dhaoine aig luchd-bhòtaidh ann an Alba a dh'fhaodadh a bhith nam BPA (aon airson na roinn-phàrlamaid agus seachdnar bhon liosta sgìreil). Faodaidh iad bruidhinn ri duine sam bith dhiubh mu chuspair tiomnaichte sam bith.
Obair BPA ann an sgìre no roinn-phàrlamaid
- A' cumail coinneamh far am faod muinntir na roinn-phàrlamaid am BP a choinneachadh agus ceistean fhaighneachd, mar as trice airson cuideachadh fhaighinn le trioblaid no cùis
- A' conaltradh ri na daoine le bhith a' sgrìobhadh litrichean, puist-d agus a' fònadh gu daoine
- Coinneamhan a fhrithealadh còmhla ri gnothachasan ionadail, sgoiltean agus buidhnean carthannais
- A bhith a' coiteachadh dhaoine agus bhuidhnean (leithid comhairlean ionadail, bùird slàinte) às leth an luchd-taghaidh
- Tadhal air pàirtean dhen roinn-phàrlamaid airson faighinn a-mach mu chùisean
- Aire a tharraing gu cùisean le bhith a' cleachdadh nam meadhanan
Obair BPA anns a' Phàrlamaid
- Sgrìobhadh gu no coinneachadh ri Rùnaire a' Chabineit no ministear
- Pàirt a ghabhail ann an deasbadan sa phàrlamaid
- Ceistean fhaighneachd aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir
- Bile bhall a thogail air cuspair sam bith a tha na dhragh do mhuinntir na roinn-phàrlamaid aca
- Pàirt a ghabhail air comataidh
- Obrachadh mar mhinistear no ann an dreuchd eile anns an riaghaltas