Deamocrasaidh ann an AlbaReferendum air neo-eisimeileachd na h-Alba 2014

Tha Riaghaltas na h-Alba a' coimhead às dèidh chùisean tiomnaichte mar slàinte, agus tha ùghdarrasan ionadail Albannach a' lìbhrigeadh sheirbheisean mar sgoiltean. Tha riaghaltas na RA an urra ri cùisean glèidhte mar poileasaidh cèin.

Part ofNuadh-eòlasAlba

Referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba 2014

Às dèidh mòr-chuid a bhuannachadh ann an taghaidhean Pàrlamaid na h-Alba ann an 2011, thuirt Partaidh Nàiseanta na h-Alba gun robh mandat (còir) aca referendum a chumail air Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeileach.

Dh'aontaich Riaghaltas na RA gum faodadh Riaghaltas na h-Alba referendum a chumail air neo-eisimeileachd na h-Alba air 18mh Sultain 2014.

Daoine nan suidhe aig bòrd a' còmhradh mu neo-eisimeileachd
Figure caption,
Bha diofar bheachdan is cheistean aig daoine mun referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba ann an 2014.

Dè a' bhuil a bha aig an referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba?

Fhuair sluagh na h-Alba cothrom bhòtadh am bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeileach.

Chaidh na bhòtaichean a chunntadh a rèir sgìrean nan 32 ùghdarras ionadail ann an Alba. B' e toradh na bhòta:

Clàr cearcaill a’ sealltainn mar a bhòt 55% Cha bu chòir agus 45% Bu chòir ann an Reifreann Neo-eisimeileachd na h-Alba.
  • Cha bu chòir - 2,001,926 bhòtaichean (55% den bhòt gu lèir)
  • Bu chòir - 1,617,989 bhòtaichean (45% den bhòt gu lèir)

Bha an àireamh dhaoine a bhòt san referendum dha-rìribh àrd, aig 85%. Bhòt a' mhòr-chuid dhiubh sin (55%) gum bu chòir do dh'Alba fuireach na pàirt den Rìoghachd Aonaichte.

Dè a' bhuaidh a bha aig an referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba?

B' e a' bhuaidh a bu chudromaiche a bha aig referendum neo-eisimeileachd na h-Alba ann an 2014 gum biodh Alba a' fuireach mar phàirt dhen RA. Buaidh eile 's e na cumhachdan a bharrachd a chaidh a thoirt dhan phàrlamaid ann an Achd na h-Alba 2012 agus Achd na h-Alba 2016.

Sna làithean ron referendum, thug ceannardan nan trì phrìomh phartaidhean san RA gealladh gum faigheadh Pàrlamaid na h-Alba cumhachdan susbainteach a bharrachd nam b' e "Cha bu chòir" toradh na bhòta. 'S e 'a' Bhòid' a chanar ris a' ghealladh seo.

B' e toradh an referendum air neo-eisimeileachd do dh'Alba gun robh a' bhòt an aghaidh an RA fhàgail. Stèidhich Pàrlamaid na RA Coimisean Mhic a' Ghobhainn (Smith Commission) airson coimhead ri barrachd fèin-riaghlaidh a thoirt do dh'Alba. Lean aithisg a' choimisein gu Bile na h-Alba 2015, agus thug Achd na h-Alba (2016) cumhachdan ùra do Phàrlamaid na h-Alba thairis air a' chìs cosnaidh, Cìs Luach Leasaichte (VAT) agus sochairean.

More guides on this topic