Deamocrasaidh ann an AlbaDè am pàirt a tha aig na meadhanan ann am poilitigs na h-Alba?

Tha Riaghaltas na h-Alba a' coimhead às dèidh chùisean tiomnaichte mar slàinte, agus tha ùghdarrasan ionadail Albannach a' lìbhrigeadh sheirbheisean mar sgoiltean. Tha riaghaltas na RA an urra ri cùisean glèidhte mar poileasaidh cèin.

Part ofNuadh-eòlasAlba

Dè am pàirt a tha aig na meadhanan ann am poilitigs na h-Alba?

'S e obair nam meadhanan fiosrachadh a thoirt do shluagh na h-Alba air cùisean cudromach a tha a' toirt buaidh air muinntir Alba co-dhiù tha iad sin cùisean ionadail, nàiseanta no eadar-nàiseanta.

Dealbh de na meadhanan a bhios a' toirt fiosrachadh do shluagh na h-Alba agus na RA

Meadhanan clò-bhuailte ann an Alba

Chleachd mòran ann an Alba a bhith a' faighinn nan naidheachdan poilitigeach bho phàipearan-naidheachd, ach anns na bliadhnaichean mu dheireadh tha daoine air fàs measail air an eadar-lìon mar stòr. Ach tha na mìltean de phàipearan-naidheachd fhathast gan reic gach latha agus bidh mòran a' leughadh artaigilean à pàipearan-naidheachd air-loidhne.

Ann an Alba 's e an Scottish Sun agus an Daily Record na pàipearan 'mòr-chòrdte' as motha a tha daoine a' leughadh. 'S e an Herald agus an Scotsman na 'sàr' phàipearan as motha a bhios daoine a' leughadh.

Chan fheum pàipearan-naidheachd a bhith cothromach. Fhad 's a tha am fiosrachadh ceart, faodaidh pàipearan-naidheachd rud sam bith a thogras iad a phriontadh. Tha seo a' ciallachadh gum faod diofar phàipearan-naidheachd an aon stòiridh innse ann an diofar dhòighean. Thèid aca air seo a dhèanamh le bhith a' taghadh diofar stòiridhean, dealbhan agus ceann-naidheachd.

Aig àm taghaidh, tha pàipearan-naidheachd glè thric soilleir mun phartaidh phoilitigeach dha bheil iad a' toirt taic agus bidh a' cur ìmpidh air na leughadairean aca cò dha a bhòtas iad. Chan eil seo a' ciallachadh gu bheil a h-uile neach-bhòtaidh a' bhòtadh mar a chanas am pàipear-naidheachd a bhios iad a' leughadh.

Meadhanan air an craoladh ann an Alba

Tha meadhanan air an craoladh a' ciallachadh telebhisean agus rèidio.

Tha aithrisean nan naidheachdan poilitigeach eadar-dhealaichte air an telebhisean (agus air an rèidio) seach mar a tha iad ann am pàipearan-naidheachd oir tha an lagh ag iarraidh gum bi naidheachdan air an telebhisean cothromach. Tha dùil gum bi aithrisean air an telebhisean fìor agus cothromach san sgrùdadh aca.

Tha dùil gum bi cead aig diofar riochdairean bho dhiofar phartaidhean poilitigeach am beachdan a thoirt air cùisean cudromach. Anns na bliadhnaichean mu dheireadh, chaidh grunn dheasbadan a chraoladh agus ghabh ceannardan nan diofar phartaidhean pàirt annta.

An t-eadar-lìon agus meadhanan sòisealta

Tha barrachd is barrachd ann an Alba a' cleachdadh an eadar-lìn airson fiosrachadh, gu h-àraidh meadhanan sòisealta.

Eu-coltach ri sianalan telebhisean agus rèidio, tha an t-eadar-lìon a' leigeil cha mhòr le duine sam bith rud sam bith a thogras iad fhoillseachadh. Tha seo a' ciallachadh gur dòcha nach bi pàirt dhen fhiosrachadh ceart. Ach, tha an t-eadar-lìon a' ceadachadh comas gun chrìoch do dhaoine air faighinn gu fiosrachadh. Tha seo a' ciallachadh gu bheil barrachd fiosrachaidh a-nis aig daoine.

Tha partaidhean poilitigeach a' cleachdadh mheadhanan sòisealta barrachd is barrachd. Tha seo a' ciallachadh gun urrainn dha na partaidhean poilitigeach barrachd ceangail a dhèanamh ri luchd-bhòtaidh. Faodaidh iad fiosrachadh a cho-roinn air dè dhèanadh iad nan deigheadh an taghadh, agus faodaidh iad an uair sin fiosrachadh ùr a chumail ri luchd-bhòtaidh eadar taghaidhean. Tha seo cuideachd a' leigeil le luchd-bhòtaidh ceangal a dhèanamh ri BPA. Faodaidh iad ceistean fhaighneachd agus cùisean a thogail gu furasta.

More guides on this topic