Dè bhios a' tachairt ann am Pàrlamaid na h-Alba?
Coimhead a' bhidio seo agus faigh a-mach dè bhios a' tachairt ann am Pàrlamaid na h-Alba agus na bhios BPA a' dèanamh.
What happens at the Scottish Parliament?
Dè th' anns an t-Seòmar?

Tha a' chuid as motha dhen obair ann am Pàrlamaid na h-Alba a' tachairt anns an t-Seòmar. Seo far am bi Buill de Phàrlamaid na h-Alba (BPA) uile a' suidhe agus a' coinneachadh còmhla. Tha na coinneamhan aca air an riaghladh leis an Oifigear Riaghlaidh a bhios a' dèanamh cinnteach gu bheil riaghailtean na pàrlamaid gan leantainn.
Tha Pàrlamaid na h-Alba ag obrachadh ann an dòigh a tha coltach ris a' chuid as motha de phàrlamaidean eile air feadh an t-saoghail. Faodaidh BPA deasbadan a chumail agus laghannan ùra a dhèanamh anns na raointean air a bheil dleastanas air Pàrlamaid na h-Alba.
Bidh am monarc a' soidhnigeadh gach co-dhùnadh a nì a' Phàrlamaid mus tèid a dhèanamh na lagh. Canar Aonta Rìoghail ris an seo.
Nuair a tha iad anns an t-Seòmar, faodaidh BPA pàirt a ghabhail ann an deasbadan agus ceistean a chur air buill dhen riaghaltas nuair a tha iad a' dèanamh laghannan ùra no ag atharrachadh seann fheadhainn.
Bidh BPA cuideachd ag obair ann am buidhnean nas lugha ris an canar comataidhean. Seo far am bi iad a' sgrùdadh obair Riaghaltas na h-Alba. Tha obair chudromach aig na comataidhean seo anns a' phàrlamaid.
Dè th' ann an comataidhean Pàrlamaid na h-Alba?
Tha iomadh comataidh aig Pàrlamaid na h-Alba air am faod Buill Pàrlamaid na h-Alba (BPA) suidhe, me Comataidh a' Cheartais agus Comataidh Slàinte agus Spòrs. Tha eadar còig agus còig ball deug air gach comataidh.
Anns na comataidhean sin, bidh BPA a' bruidhinn gu mionaideach air reachdas agus ag obrachadh còmhla. Tha comataidhean uabhasach cudromach ann a bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil laghan air an dèanamh gu cùramach agus gu bheil obair na pàrlamaid ga dèanamh gu h-èifeachdach.
Bidh iad a' coinneachadh uair sa chola-deug, ann am fear de rumannan comataidh Pàrlamaid na h-Alba. Tha a' mhòr-chuid dhiubh fosgailte dhan phoball, agus glè thric as t-samhradh, bidh feadhainn dhiubh a' coinneachadh ann an diofar àiteachan air feadh Alba.
'S àbhaist obair anns an t-seòmar agus ann an comataidhean a bhith air Dimàirt, Diciadain agus Diardaoin agus tha sin air a chlàradh airson gum faic buill dhen phoball e.