Deamocrasaidh ann an AlbaTaghaidhean airson Pàrlamaid na h-Alba

Tha Riaghaltas na h-Alba a' coimhead às dèidh chùisean tiomnaichte mar slàinte, agus tha ùghdarrasan ionadail Albannach a' lìbhrigeadh sheirbheisean mar sgoiltean. Tha riaghaltas na RA an urra ri cùisean glèidhte mar poileasaidh cèin.

Part ofNuadh-eòlasAlba

Taghaidhean airson Pàrlamaid na h-Alba

Ciamar a tha BPA air an taghadh a Phàrlamaid na h-Alba?

Coimhead a' bhidio seo agus faic mar a tha BPA air an taghadh a' cleachdadh siostam taghaidh ris an canar Siostam Ball a Bharrachd (Additional Member System no AMS).

What is the Additional Member System?

Dè cho tric 's e bhios BPA air an taghadh?

Bidh Buill Pàrlamaid na h-Alba (BPA) air an taghadh airson Pàrlamaid na h-Alba ann a' Holyrood a h-uile ceithir bliadhna (ged a dh'fhaodas seo atharrachadh a rèir taghaidhean Westminster).

Canaidh sinn Dòigh Bhòtaidh Ball a Bharrachd (Additional Members System no AMS) ris an t-siostam taghaidh a th' ann airson BPA a thaghadh.

Tha 129 BPA ann am Pàrlamaid na h-Alba. Tha 73 BPA roinn-phàrlamaid ann agus 56 BPA sgìreil no liosta.

An ceangal eadar roinn-phàrlamaid roinneil agus ionadail ann an Alba

Bha an taghadh mu dheireadh airson Pàrlamaid na h-Alba ann an 2021. B' e buil an taghaidh sin gum b' e PNA am partaidh a bu mhotha agus chruthaich iad riaghaltas beag-chuid. Tha sin a' ciallachadh gu bheil nas lugha na an dàrna cuid de BhPA aig a' phartaidh.

More guides on this topic