Deamocrasaidh ann an AlbaDè th' ann an aonadh-ciùird?

Tha Riaghaltas na h-Alba a' coimhead às dèidh chùisean tiomnaichte mar slàinte, agus tha ùghdarrasan ionadail Albannach a' lìbhrigeadh sheirbheisean mar sgoiltean. Tha riaghaltas na RA an urra ri cùisean glèidhte mar poileasaidh cèin.

Part ofNuadh-eòlasAlba

Dè th' ann an aonadh-ciùird?

Tha aonaidhean-ciùird nam buidhnean a tha a' feuchainn ri piseach a thoirt air pàigheadh agus suidheachadh obrach nam ball. Tha na buill a' pàigheadh cìs ballrachd, agus an cois seo, tha iad a' faighinn bhuannachdan.

Faodaidh na buannachdan seo a bhith co-cheangailte ris an lagh. Mar eisimpleir, dh'fhaodadh iad taic airgid fhaighinn a phàigheas airson neach-lagha. Tha mòran aonaidhean-ciùird a' tabhann taic ionmhais, leithid morgaidsean nas saoire, no prìs nas saoire airson càr a cheannach, saor-làithean agus msaa.

Obair nan aonaidhean ciùird

Cò aig a bheil aonaidhean-ciùird agus dè bhios iad a' dèanamh?

Tha aonaidhean ann do dhaoine a tha ag obair ann am mòran dhiofar dhreuchdan. 'S dòcha gum bi aonadh-ciùird a' barganachadh còmhla ris a' chompanaidh mu chùisean airgid, leithid pàigheadh agus peinnseanan. Mar eisimpleir, tha an RMT (aonadh-ciùird a tha a' riochdachadh dràibhearan thrèanaichean agus treòrairean) a' riochdachadh nam buill aca ann an còmhraidhean còmhla ri companaidhean rèile agus Network Rail mu phàigheadh agus atharraichean ann am pàtran nan sioftaichean.

Gu math tric ann an àit'-obrach, bidh riochdairean aig aonaidhean-ciùird ris an canar 'riochdaire aonaidh' agus bidh iadsan nan seasamh mar cheangal eadar an luchd-obrach agus na manaidsearan, a' feuchainn ri aonta fhaighinn air trioblaidean a dh'fhaodadh nochdadh.

Ciamar a bhios daoine a' gabhail pàirt ann an aonadh-ciùird?

Faodaidh buill pàirt a ghabhail ann an gnìomhan aonaidhean-ciùird le bhith:

  • A' dol gu coinneamhan an aonaidh san àit'-obrach agus beachdachadh air rudan leithid pàigheadh agus suidheachaidhean obrach.
  • Bhòtadh ann am baileat sam bith a chumas an t-aonadh. Uaireannan, bidh na baileatan seo a' faighneachd am bu chòir don aonadh a dhol air stailc. Uaireannan eile, 's dòcha gum bi am baileat airson riochdaire ùr a thaghadh taobh a-staigh aonaidh, leithid riochdaire aonaidh.
  • A' gabhail pàirt ann a bhith a' togail fianais, leithid a dhol air stailc.

Cha bhi cuid de fhastaidhearan a' toirt aithne do dh'aonaidhean-ciùird oir tha iad dhen bheachd nach eil iad math do ghnothachas, agus 's dòcha nach brosnaich iad daoine gu bhith nam buill.

Tha cuid eile de dh'fhastaidhearan a' tuigsinn gu bheil deagh dhàimhean luchd-obrach/manaidsidh cudromach. Tha aonaidhean-ciùird ag obair còmhla ri luchd-obrach agus manaidsearan gu làitheil, a' rèiteachadh chùisean co-cheangailte ris an àit'-obrach.

Dè na còraichean agus dleastanasan a th' air aonaidhean-ciùird?

Tha còraichean aig aonaidhean-ciùird air a bheil iad airidh, ach tha dleastanasan aca, ris am feum iad cumail.

Còraichean aonaidhean-ciùird

  • Com-pàirteachadh ann a bhith a' togail fianais (stailcean is msaa) airson feuchainn ri còraichean luchd-obrach a dhìon
  • Baileat dìomhair a chumail airson tomhas a bheil a' mhòr-chuid de bhuill ag aontachadh fianais a thogail
  • Feuchainn ri buill ùra a thàladh gu aonaidhean-ciùird

Dleastanasan aonaidhean-ciùird

  • Gun cuideam a chur air daoine ballrachd aonadh ciùird a thoirt a-mach
  • Faighneachd don luchd-obrach mu dheidhinn atharrachaidhean san àit'-obrach
  • Dèanamh cinnteach gu bheil stailcean sam bith sìtheil agus laghail

More guides on this topic