Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Siostaman bhòtaidh ann an AlbaCiamar a tha an siostam bhòtaidh ag obrachadh ann an Alba?

Tha BPA air an taghadh do Phàrlamaid na h-Alba a' cleachdadh siostam bhòtaidh ris an canar Siostam Ball a Bharrachd. 'S e seòrsa de riochdachadh co-roinneil a tha seo le buannachdan agus eas-bhuannachdan.

Part ofNuadh-eòlasAlba

Ciamar a tha an siostam bhòtaidh ag obrachadh ann an Alba?

Ciamar a tha luchd-bhòtaidh air an riochdachadh ann am Pàrlamaid na h-Alba?

Tha dà sheòrsa BPA ann:

  • BPA roinn-phàrlamaid - Tha Alba air a roinn ann an 73 sgìrean ris an canar roinnean-pàrlamaid. Tha gach roinn-phàrlamaid air a riochdachadh le aon BPA.
  • BPA sgìreil - Tha Alba air a roinn ann an 8 sgìrean. Tha gach sgìre air a riochdachadh le seachd BPA.
An ceangal eadar roinn-phàrlamaid roinneil agus ionadail ann an Alba

Mar a tha BPA air an taghadh do Phàrlamaid na h-Alba

Coimhead a' bhidio seo agus chì thu mar a tha BPA air an taghadh a' cleachdadh siostam taghaidh ris an canar Siostam Ball a Bharrachd no AMS.

Find out about the Additional Member System in this video.

Ciamar a tha an Siostam Ball a Bharrachd ag obrachadh?

Bidh BPA air an taghadh le Dòigh bhòtaidh Ball a Bharrachd (Additional Member System no AMS).

Bogsa-baileit
Figure caption,
Bogsa-baileit (Finnbarr Webster / Alamy Stock Photo)

'S e seòrsa de riochdachadh co-roinneil a th' ann an AMS. Tha an siostam seo ag amas air co-roinn no co-chuid de na riochdairean (BPA ann an Alba) a thoirt do na partaidhean poilitigeach a rèir 's na gheibh iad de bhòtaichean.

Bidh luchd-bhòtaidh a' faighinn pàipear-bhòtaidh agus feumaidh iad ('X') bhòt a chlàradh:

  1. tha a' chiad bhòt airson BPA sgìre no roinn-phàrlamaid
  2. tha an dàrna bhòt airson BPA roinneil

More guides on this topic