Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Siostaman bhòtaidh ann an AlbaCiamar a tha BPA sgìreil gan taghadh a Phàrlamaid na h-Alba?

Tha BPA air an taghadh do Phàrlamaid na h-Alba a' cleachdadh siostam bhòtaidh ris an canar Siostam Ball a Bharrachd. 'S e seòrsa de riochdachadh co-roinneil a tha seo le buannachdan agus eas-bhuannachdan.

Part ofNuadh-eòlasAlba

Ciamar a tha BPA sgìreil gan taghadh a Phàrlamaid na h-Alba?

Anns an t-Siostam Ball a Bharrachd, bidh an dara pàipear-bhòtaidh air a chleachdadh airson BPA sgìreil e thaghadh. Tha seo a' toirt cothrom (dara bhòt) do luchd-bhòtaidh bhòtadh airson partaidh poilitigeach.

'S e an dara bhòt seo a tha a' ciallachadh gur e seòrsa de riochdachadh co-roinneil a th' anns an t-Siostam Ball a Bharrachd. Tha e air a chleachdadh gus gum bi co-roinn nam BPA bho gach partaidh poilitigeach coltach ris an àireimh bhòtaichean a fhuair iad.

Ciamar a tha an dara bhòt dhen t-Siostam Ball a Bharrachd ag obrachadh?

  • ron taghadh, bidh gach partaidh poilitigeach a' foillseachadh liosta thagraichean airson gach sgìre
  • tha liosta de phartaidhean poilitigeach air an dara pàipear-bhòtaidh
  • bidh luchd-bhòtaidh a' cur X ri taobh a' phartaidh a tha iad ag iarraidh
  • tha na bhòtaichean air an cunntadh airson co-roinn nam bhòtaichean a fhuair gach partaidh fhaicinn

Tha an àireamh de BPA roinn-phàrlamaid a chaidh a thaghadh airson gach partaidh air a chunntadh agus air a choimeas ri co-roinn nam bhòtaichean a fhuair gach partaidh anns gach sgìre.

Tha BPA a bharrachd air an taghadh bho liosta sgìreil gach partaidh poilitigeach. Tha an àireamh de BPA a bharrachd air a chleachdadh gus co-roinn na bhòtaichean a fhuair gach partaidh anns an dara baileat a shealltainn.

Tha seo ag amas air an toradh san fharsaingeachd a dhèanamh nas cothromaiche dha gach partaidh.

Mar eisimpleir, ann an 2021 cha d' fhuair am Partaidh Uaine bhòtaichean gu leòr airson BPA a thilleadh. Ach fhuair iad ochd BPA a bharrachd (no liosta) thar seachd de sgìrean Alba air sgàth co-roinn nam bhòtaichean a fhuair iad anns na sgìrean sin. Tha seo a' toirt riochdachadh nas cothromaiche do luchd-bhòtaidh a' Phartaidh Uaine a rèir na taic phoilitigich a th' aca thar nan sgìrean ann an Alba.

Tha 56 BPA sgìreil a bharrachd ann (7 gach sgìre). Nuair a chuireas tu sin ri 73 BPA nan roinnean-pàrlamaid, tha 129 BPA ann gu lèir.

More guides on this topic