Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Siostaman bhòtaidh ann an AlbaCiamar a tha BPA roinn-phàrlamaid gan taghadh a Phàrlamaid na h-Alba?

Tha BPA air an taghadh do Phàrlamaid na h-Alba a' cleachdadh siostam bhòtaidh ris an canar Siostam Ball a Bharrachd. 'S e seòrsa de riochdachadh co-roinneil a tha seo le buannachdan agus eas-bhuannachdan.

Part ofNuadh-eòlasAlba

Ciamar a tha BPA roinn-phàrlamaid gan taghadh a Phàrlamaid na h-Alba?

Anns an t-Siostam Ball a Bharrachd, tha a' chiad pàipear baileat air a chleachdadh airson BPA roinn-phàrlamaid a thaghadh.

  • tha liosta de thagraichean fa leth air an ainmeachadh air a' phàipear-bhòtaidh
  • faodaidh gach partaidh poilitigeach tagraiche a chur air adhart
  • faodaidh tagraichean neo-eisimeileach iad fhèin a chur air adhart
  • faodaidh luchd-bhòtaidh X a chur mu choinneamh an tagraiche a thagh iad
  • thèid an tagraiche leis an àireimh as motha de bhòtaichean a thaghadh

Tha a' phàirt seo dhen t-Siostam Ball a Bharrachd ag obrachadh anns an aon dòigh ris an t-Siostam Àireamhan as Motha airson BP a thaghadh airson Pàrlamaid na RA ann a' Westminster.

Bogsa-baileit
Image caption,
Bogsa-baileit (Finnbarr Webster / Alamy Stock Photo)

More guides on this topic