Riaghaltas na h-Alba
'S e am partaidh, no na partaidhean, a bhuannaicheas an taghadh a bhios a' cruthachadh Riaghaltas na h-Alba. Ann an 2021 b' e sin PNA.
Canar Prìomh Mhinistear na h-Alba ri ceannard Riaghaltas na h-Alba.
Tha ministear os cionn gach roinn de Phàrlamaid na h-Alba, me os cionn Foghlam tha ministear a tha cunntachail do Phàrlamaid na h-Alba airson obair na roinne aca.
Bidh fo-mhinistearan Albannach a' cumail taic ri gach ministear, agus bidh seirbheisich chatharra no luchd-obrach an riaghaltais a' cumail taic ri na fo-mhinistearan.
Am Prìomh Mhinistear
Ann an dòigh, dh'fhaodadh BPA sam bith a bhith na Phrìomh Mhinistear air Alba. Ach 's àbhaist gur e ceannard a' phartaidh as motha aig a bheil de BPA a bhios ann oir 's e na BPA a bhios a' bhòtadh airson am Prìomh Mhinistear a thaghadh.
Dè na dleastanasan a tha air a' Phrìomh Mhinistear
Tha dleastanasan Prìomh Mhinistear na h-Alba a' gabhail a-steach:
- A bhith a' riochdachadh Alba aig an taigh agus thall thairis
- A bhith a' co-dhùnadh air prìomhachasan Pàrlamaid na h-Alba
- A bhith a' taghadh Ministearan Caibineat na h-Alba
Bidh am Prìomh Mhinistear aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir (First Minister's Questions no FMQs) a h-uile Diardaoin aig meadhan-latha airson ceistean bho na BPA a fhreagairt.
Cò am Prìomh Mhinistear ann an Alba an-dràsta?
An dèidh taghadh 2021, b' ann aig Partaidh Nàiseanta na h-Alba a bha an àireamh bu mhotha de BPA agus chaidh Nicola Sturgeon a thaghadh a-rithist mar Phrìomh Mhinistear.
Chaidh ceannard PNA, Humza Yousaf, na Phrìomh Mhinistear anns a' Mhàrt 2023 an dèidh taghadh ceannaird nuair a leig Nicola Sturgeon dhith a dreuchd.
Anns a' Chèitean 2024, leig Humza Yousaf seachad a bhith na Phrìomh Mhinistear agus na cheannard air PNA. Tha John Swinney air gabhail thairis mar cheannard PNA agus chaidh ainmeachadh mar Phrìomh Mhinistear.