Moladh comataidh shònraichte A9 a chruthachadh

- Air fhoillseachadh
Dh'aontaich Comataidh nan Athchuingean ann am Pàrlamaid na h-Alba sgrìobhadh chun an ath oifigeir-riaghlaidh a bhios ann a thaobh comataidh fa leth a stèidheachadh gus coimhead ri leasachadh an A9.
Tha athchuinge mun A9 air a bhith air beulaibh Comataidh nan Athchuingean bho 2022.
Thuirt cathraiche na comataidh, Jackson Carlaw, gun deach adhartas mòr a dhèanamh bho thug an tè-iomairt Laura Hansler an athchuinge air adhart bho thùs.
Thuirt e gu bheil a h-uile coltas ann gum bi an A9 fhathast gu mòr fo aire nan seiseanan pàrlamaid ri thighinn, is gum bu chòir an athchuinge a dhùnadh aig an ìre seo.
Dh'iarr am BPA neo-eisimeileach do dh'Inbhir Nis agus Inbhir Narann, Fearghas Ewing, gum biodh comataidh fa leth ann mun A9 airson dèanamh cinnteach gum bi aire na pàrlamaid air leasachadh an rathaid.
Thuirt Mgr Ewing gu bheil seo air leth cudromach air sgàth cho mòr agus cho cudromach 's a tha am pròiseact, is gum bu chòir sgrùdadh a bhith air a dhèanamh air gu cunbhalach.
Briseadh-dùil is fearg mun A9
- Air fhoillseachadh9 An Gearran 2023
A9 dà-fhillte ann an 2035
- Air fhoillseachadh20 An Dùbhlachd 2023
Airgead calpa gus leasachadh an A9 a chrìochnachadh
- Air fhoillseachadh14 Am Faoilleach
Dh'aontaich buill na comataidh gu h-aona-ghuthach gum bu chòir athchuinge Laura Hansler a dhùnadh an-dràsta, agus cuideachd gus litir a chur chun an oifigeir-riaghlaidh a bhios ann às dèidh Taghadh na h-Alba sa Chèitean a thaobh comataidh sònraichte a stèidheachadh mun A9.
Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba an t-seachdain seo chaidh gun tèid airgead calpa a chleachdadh gus an còrr den A9 eadar Inbhir Nis is Peairt a dhèanamh dà-fhillte.
Bha an riaghaltas air innse roimhe gur e modail maoineachaidh measgaichte a chleachdadh iad is gun tigeadh cuid den airgead tro mhaoineachadh phrìobhaideach is modail air a bheil MIM.
A' bruidhinn aig Holyrood, thuirt Rùnaire na Còmhdhail gum bi e nas saoire airgead calpa a chleachdadh.
Thuirt i cuideachd gu bheil an riaghaltas fhathast an dùil gun tèid an obair a chrìochnachadh ro dheireadh 2035.
'S e sin an clàr-ama ùr a stèidhich an riaghaltas nuair a dh'aidich iad nach dèanadh iad an gnothach air 2025, an targaid a bh' aca bho thùs.