Dragh gun caill iasgairean nan Eilean Siar cothrom air connadh nas saoire

- Air fhoillseachadh
Nochd draghan gum faodadh iasgairean sna h-Eileanan an Iar call a-mach air connadh aig ìre nas saoire.
Thug HMRC rabhadh gum faodadh iad cead a thoirt air falbh bho Chomhairle nan Eilean Siar gus an connadh, a tha gu tric aithnichte mar "dìosal dearg", a reic.
Thathas ag ràdh gum feum a' Chomhairle sùil mhionaideach a chumail air na thathas a' reic gus an cead a chumail.
Thuirt Ball-pàrlamaid nan Eilean Siar aig Westminster, Torcuil Crichton, gur e atharrachadh mì-reusanta a tha HMRC a' cur air adhart, agus gum faodadh e cron mòr a dheanamh air gnìomhachas an iasgaich.
Tha an connadh an-dràsta ga reic aig 14 diofar làraichean ann an deich eileanan fa leth.
Tha iuchair aig na bàtaichean a bhios a' cleachdadh nan làraichean agus tha iad a' pàigheadh na Comhairle air chunntas.
Ann an deasbad mu chùl-taic dhan ghnìomhachas ann an Taigh nan Cumantan Diardaoin, thuirt Mgr Crichton gu bheil cho ionadail 's tha na 14 làraichean sna h-eileanan, cho math ris an iarrtas 'son connadh tron là is oidhche, a' ciallachadh nach urrainnear sùil mhionaideach a chumail orra.
Thuirt e gu bheil e air coinneamh iarraidh le ministearan Roinn an Ionmhais gus fuasgladh a lorg, agus poileasaidh a tha mothachail air feumalachdan sònraichte sgìrean eileanach a dhealbh.
Tha am BBC air beachd iarraidh bho HMRC.
Sgìrean dìon mara
Thog Mgr Crichton cuideachd san deasbad ann an Taigh nan Cumantan mu dhraghan sna h-eileanan mu sgìrean dìon mara ùra air a bheil Riaghaltas na h-Alba a' beachdachadh.
"Tha e air a thuigsinn gu bheil an riaghaltas a' dèanamh co-chomhairleachaidh mu 173 làraichean agus ged nach deach a dhearbhadh, tha dùil gum faodadh 20% dhiubh a bhith ann an uisgeachan nan Eilean Siar," thuirt e.
"Feumaidh sinn a' mhì-chinnt a thoirt gu crìch. Feumaidh sinn a bhith a' bruidhinn le coimhearsnachdan iasgaich oir 's iad as eòlaiche air seasmhachd - tha fios aig iasgairean air mar a bu chòir coimhead às dèidh nan uisgeachan."
Dh'iarr e cuideachd, cho math ri buill-phàrlamaid eile ann an roinnean mu na costaichean, atharrachadh air riaghailtean nam bhìosathan-obrach do luchd-obrach sgileil, is e ag ràdh gum faodadh iad fìor dhroch bhuaidh a thoirt air gnìomhachas an iasgaich.