Dàil air co-chomhairle mu sgìrean MPA

- Air fhoillseachadh
Tha Riaghaltas na h-Alba air dàil a chur air co-chomhairle mu sgìrean dìon mara faisg air a' chladach.
Bha iad air leigeil fhaicinn nas tràithe air a' bhliadhna gun tòisicheadh co-chomhairle ro dheireadh na bliadhna mu riaghailtean is ceumanan ùra ann an sgìrean nas fhaisge air a' chladach.
Bheireadh seo buaidh air 160 làrach a tha air an comharrachadh mar-thà.
Bha iasgairean anns na h-Eileanan an Iar agus Comhairle nan Eilean Siar fhèin air draghan a nochdadh, taobh a-muigh mun bhuaidh a dh'fhaodadh seo toirt orra.
Bha cuid air iomagain a thogail gun robh riaghailtean ùra nas cruaidhe gus tighinn a-steach às a seo às dèidh dha poileasaidh connspaideach nan sgìrean HPMA a dhol an dàrna taobh.
Tha an riaghaltas a-nise air dearbhadh nach bi co-chomhairle ann ron taghadh an ath-bhliadhna.
Am measg sgìrean nas fhaisge air a' chladach air a bheilear a' deasbad an seo tha Caolas Bharraigh agus na h-uisgeachan suas gu ruige Caol na Hearadh.

Thog iasgairean dragh mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith ann air iasgach a' chreachainn gu h-àraid agus gnìomhachas giollachd a' chreachainn sna h-Eileanan.
"Bha sinne den bheachd nach robh fiosrachadh gu leòr aca air sin," thuirt Leas-Cheannard Comhairle nan Eilean Siar is Cathraiche Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais.
"Bha sinne a' faicinn gun robh an trìtheamh earrann den ghrunnd a bha iadsan air a chur a-mach a' dol ga thoirt air falbh bhon sin.
"Chan eil teagamh sam bith nam biodh iad air a dhol air adhart mar a bha dùil agus na sgìrean - 160 is a' mhòr-chuid dhan sin air taobh an iar Alba - bha e a' dol a thoirt buaidh air na h-Eileanan an Iar is Arcaibh gu h-àraid agus sìos taobh an iar na Gàidhealtachd.
"Bha e a' dol a chur feadhainn de na coimhearsnachdan sin, bha e a' dol a chur tòrr dhaoine a-mach à iasgach".
Tha an Comh MacAonghais ag radh gum bi còmhraidheann ann a-nise mun t-slighe air adhart.
"Tha coinneamh agamsa Dihaoine seo tighinn le fear de na h-oifigearan anns an Riaghaltas a' coimhead ri dè mar a gheibh cùisean a bhith air an cur ri chèile," thuirt e.
"Tha làn-fhios aca na beachdan a th' air a bhith agamsa bho chionn iomadach bliadhna air, agus saoilidh mi, an t-slighe air adhart 's e iad a' coimhead ri gu bheil teicneòlasan ùra ann nach robh ann bho chionn deich bliadhna, agus sin a chleachdadh gu maith nan coimhearsnachdan agus gu maith an rud a tha iad a' feuchainn ri dhèanamh."
Cùl ga chur ri planaichean HPMA
- Air fhoillseachadh29 An t-Ògmhios 2023
Iasgairean: "Beachdaichibh a-rithist air sgìrean HPMA"
- Air fhoillseachadh20 Am Màrt 2023
Fàilte bho iasgairean air riaghailtean ùra MPA
- Air fhoillseachadh2 An t-Sultain 2025
Tha dragh air cuid mu na dh'fhaodadh tachairt fhathast ge-tà is iad ag ràdh gu bheil e follaiseach nach eil an gnothach seachad.
Nam measg tha Dòmhnall Uilleam MacLeòid, a tha fìor eòlach air gnìomhachas an iasgaich ann am Barraigh.
"Dh'fheuch iad ris a thoirt a-staigh mar aona chnap cheana. Mura tig leotha le sineach bheir iad a-staigh e beag air bheag gus am faigh iad an dòigh fhèin," thuirt e.
Ann am brath thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil a bhith a' dèiligeadh ri 160 diofar sgìre mara gach cuid dùbhlanach agus toinnte.
Chan eil e comasach aig an ìre seo, thuirt iad, co-chomhairle a dhèanamh mus bi taghadh Pàrlamaid na h-Alba ann.
"Tha a bhith a' leasachadh riaghailtean iasgaich airson còrr air 160 làrach agus sgìre an cois a' chladaich ann an dòigh a chuireas dìon iomchaidh air rudan a tha fo dhìon - 's aig a' cheart àm a lùghdaicheadh a' bhuaidh shòisealta is eaconomach air gnìomhachas an iasgaich iom-fhillte agus dùbhlanach," thuirt iad.
"A dh'aindeoin nan oidhirpean as fheàrr aig Oifigich Stiùireachd na Mara, gu mì-fhortanach tha barrachd ùine a dhìth.
"'S e co-chomhairle chudromach a tha seo, a dh'fheumas ùine leudaichte 16 seachdainnean airson cothrom na Fèinne a thoirt do luchd-ùidhe beachdachadh air 's fiosrachadh as t-fhiach a thilleadh.
"Chan eil e comasach a' cho-chomhairle 16 seachdainean a tha seo a chur air bhonn mus bi an taghadh ann."