Fàilte bho iasgairean air riaghailtean ùra MPA

Bàtaichean-iasgaich ann an cala MhalaigTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Chuir Caidreachas Iasgairean na h-Alba fàilte air riaghailtean ùra airson sgìrean-mara a tha fo dhìon.

Thèid na riaghailtean ùra a chur an sàs ann an Sgìrean MPA eadar dusan agus 20 mìle a-mach bhon chosta air an ath mhìos.

Thuirt an Riaghaltas gu bheil seo mar thoradh air co-obrachadh leis a' ghnìomhachas, luchd-saidheans, buidhnean àrainneachd agus coimhearsnachdan.

Fo na riaghailtean ùra bidh cuid de sheòrsaichean iasgaich a dh'fhaodadh cron a dhèanamh air an àrainneachd - leithid iasgach far a bheil uidheamachd ga dhraoghadh air a' ghrunnd - a bhith air an cuingealachadh sna Sgìrean Dìon.

Thèid na riaghailtean a chur an sàs air an t-16mh den Dàmhair.

Thuirt Caidreachas Iasgairean na h-Alba gu bheil na riaghailtean ùra "ciallach".

Thuirt an Riaghaltas cuideachd gum bi co-chomhairle ann nas fhaide den bhliadhna mu riaghailtean nas fhaisge air a' chladach - ann an àiteachan leithid Caolas Bharraigh.