Muinntir Eige airson seann eaglais a dhèanamh na ionad dualchais

Eaglais na h-Alba ann an Eige
Fo-thiotal an deilbh,

Tha dòchas ann gun gabh ionad dualchais a stèidheachadh san eaglais

  • Air fhoillseachadh

Tha Urras Dualchas Eilean Eige a’ feuchainn ri maoineachadh fhaighinn airson eaglais san eilean a ghabhail thairis agus Eaglais na h-Alba an dùil a reic.

Tha iad a' faicinn gur e cothrom math a bhiodh ann goireas a stèidheachadh far an tèid sgeulachd an eilein a mhìneachadh.

Ged a bhios am ministear a bhios a' frithealadh Eige agus na h-Eileanan Tarsainn eile gu bhith a' leigeil dheth a dhreuchd, tha iad airson dòigh a lorg seirbheisean a chumail a' dol fhathast bho àm gu àm.

Catriona NicFhionghain
Fo-thiotal an deilbh,

Thàinig athair Catriona NicFhionghain a dh'Eige às na Hearadh a shearmonachadh an Eaglais na h-Alba

Tha ceangal làidir aig Catriona NicFhionghain leis an eaglais.

'S ann às na Hearadh a tha i agus bha a h-athair, a bha na mhiseanaraidh, air a chur a shearmonachadh ann do dh'Eaglais na h-Alba anns an eaglais bhig a bhios iad a' reic a dh'aithghearr.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Eaglaisean Eige

"'S e briseadh-dùil a th' ann nuair a bhios mi a' dol ann.

"Chan eil am ministear againn a' tighinn a-nall ach dhà no trì tursan sa bhliadhna agus tha esan a' leigeil dheth a dhreuchd deireadh a' mhìos a tha seo," thuirt i.

Peigi Kirk
Fo-thiotal an deilbh,

Ged a thogadh i na Caitligeach bhiodh Peigi Kirk a' dol gu seirbheisean an Eaglais na h-Alba

Bha Peigi Kirk cuideachd a' dol gu seirbheisean an Eaglais na h-Alba ged 's e Caitligeach à Uibhist a Deas a th' innte.

Mhìnich i gun robh an sagairt air falbh às Eilean Eige nuair a thàinig i a dh'fhuirich ann ann an 1959.

Eaglais Naomh Dhonnain
Fo-thiotal an deilbh,

An Eaglais Chaitligeach an Eilean Eige

Cha robh leisg air Peigi agus na Caitligich eile san eilean a dhol dhan eaglais Phròstanach ach chan eil e an-diugh cho furasta dhi faighinn thuice.

"Tha e car cas a' dol suas innte agus chan eil mi math gu coiseachd a-nis.

"Bidh mise 94 air an ath-mhìos," thuirt i.

Camille Dressler
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Camille Dressler bho Ionad Dualchais Eige a' faicinn gu bheil cothrom an eaglais a ghabhail thairis mar ionad eachdraidh

Ged a tha an dà chuid Catriona agus Peigi duilich gu bheil suidheachadh ann far a bheil glè bheag de luchd-amhraidh air fhàgail agus gum feumar an eaglais a bhith air a reic, tha eileanaich eile a' faicinn cothroim togalach ann an teis-mheadhan na coimhearsnachd a cheannach.

"'S e goireas mìorbhaileach a bhiodh ann do luchd-tadhail ma 's urrainn dhuinn a cheannach agus àite a chruthachadh far an tèid againn air eachdraidh an eilein agus mar a tha an t-àite an-diugh agus mar a bhios e san àm ri teachd innse," thuirt Camille Dressler bho Ionad Dualchais Eige.

Fon phlana aca bhiodh an eaglais fhathast ri faotainn mar àite adhraidh agus airson seirbheisean tìodhlaicaidh is bainnsean.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Aithris rèidio Alasdair MhicLeòid à Eige.

Tuilleadh air an sgeulachd seo