Rabhadh mu "mhì-fiosrachadh" a thaobh Gearastan nan Camshronach

- Air fhoillseachadh
Dh'iarr Comhairle na Gàidhealtachd air daoine an aire a thoirt nach eil iad a' sgaoileadh mì-fhiosrachaidh air-loidhne an dèidh do dh'aithrisean nochdadh air na meadhanan-sòisealta gun robh luchd-siridh comraich air gluasad a-steach a Ghearastan nan Camshronach ann an Inbhir Nis.
Thuirt an t-ùghdarras ionadail gu bheil na h-aithrisean ceàrr agus gu bheil iad a' feuchainn ri tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn bho Oifis na Dùthcha mu na planaichean airson an àite.
Thàinig e am bàrr an toiseach anns an Dàmhair an-uiridh gun robh plana ann airson suas ri 300 duine a bha an dòchas comraich fhaighinn am Breatainn a chur ann an Gearastan nan Camshronach.
Dh'innis an Riaghaltas cuideachd gun robh iad an dùil 600 duine a chur gu Campa Crowborough ann an Sussex, far an deach a-niste cuid de luchd-siridh comraich a chur.
Bhon uair sin, tha cuid air fianais a thogail an Inbhir Nis, agus ann an Crowborough mun bhuaidh a dh'fhaodadh am plana a thoirt air na coimhearsnachdan.
Dh'iarr cuid eile co-fhaireachdainn.
Bha dùil ris a' chiad bhuidhinn aig deireadh na Samhna, ach chaidh dàil air cùisean.
A-nis, tha aithrisean air nochdadh air-loidhne gu bheil luchd-siridh comraich anns an ionad, ach chaidh a ràdh nach eil sin fìor.
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun robh am fios mu dheireadh a thàinig bho Oifis na Dùthcha ag ràdh gun robh measaidhean a' leantainn agus nach deach co-dhùnadh deireannach a dhèanamh fhathast a thaobh a bhith a' cur luchd-siridh comraich a Ghearastan nan Camshronach.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh5 An t-Samhain 2025
