Sùil air ais air "teaghlach" WIIGA ann an Arcaibh
- Air fhoillseachadh
"An dòigh as fheàrr, tilleadh do rud a th' air na h-uimhir a thoirt dhomh."
Chan eil ceist ann gun do chòrd Geamannan nan Eilean ann an Arcaibh as t-samhradh ri Kara Hanlon.
Bha cuideam oirre is i am measg an luchd-spòrs as aithnichte a' tighinn a-steach do na geamannan, ach thill i dhachaigh le còig buinn agus gàire mhòr air a h-aodann.
Bha sgeulachd Kara am measg iomadach stòiridh a chaidh innse mu sgioba nan Eilean Siar ann an Arcaibh agus tha iad uile air an toirt còmhla ann am prògram sònraichte a tha a' coimhead air ais air seachdain iongantach de dheagh spòrs - agus deagh shìde!

'S i Kara an neach-spòrs a b' fheàrr a rinn do WIIGA thar nam bliadhnaichean is 17 buinn uile gu lèir aice aig Geamannan nan Eilean, a thuilleadh air clàr nan geamannan airson an àm as luaithe a bhristeadh ann an grunn rèisean.
Cha b' i a' chiad thè a fhuair bonn agus a chuala Bàigh na Hearadh fhad 's a bha i a' dìreadh gu mullach a' phòideim ann an Arcaibh ge-tà.
Fhuair Amie Ringstead bonn òir agus PB anns an Javellin gus gnothaichean fhaighinn gu dol dhan sgioba lùth-chleasachd.
Chunnacas Abbie Stiùbhart a' coisinn an dà bhonn aicese aig am 'Picky' (Ionad Pickaquoy) cuideachd, le boireannaich an leth-mharathon a' toirt chùisean gu ceann le bonn òir eile.
Choisinn Mhàiri Hall bonn umha i fhèin san rèis ach 's gann gun creideadh Muriel NicLeòid agus Ailyn NicAoidh gun robh iadsan gu bhith còmhla rithe is fonn nan Eilean Siar air a chluintinn uair eile.
Geamannan nan Eilean 2025
Alasdair MacIllinnein agus Ailean MacLeòid a' toirt sùil air ais air iomairt sgioba nan Eilean Siar aig Geamannan Eadar-nàiseanta nan Eilean ann an Arcaibh as t-samhradh.
Air falbh bho Ionad Pickaquoy ann an Kirkwall, fhuair sgioba ball-coise nam ban bonn umha aig deireadh seachdain gu math trang dhaibhsan.
Rinn na boireannaich a' chùis 3-0 air Gozo gus bonn a choisinn airson nan dàrna geamannan aca sreath a chèile.
Tha an coidse aca Euan MacLeòid air seasamh sìos a-nise agus cha till an caiptean aca chun na pàirce tuilleadh is Anne-Louise NicChoinnich ag ràdh gun robh "an t-àm ann cùisean fhàgail chun an fheadhainn òga".
Bidh ionndrain orrasan ach tha fios gun tig daoine ùra gus na beàrnan a lìonadh.

Sgioba leth-mharathon WIIGA, Muriel NicLeòid, Mhàiri Hall agus Ailyn NicAoidh.
A' beachdachadh air an t-seachdain a bh' aca ann an Arcaibh, thuirt manaidsear WIIGA Iain Caimbeul gun robh na geamannan air a bhith "mìorbhaileach".
Tha obair mhòr an luib a bhith ag ullachadh airson Gheamannan nan Eilean, fiù 's do leithid Iain nach bi a' farpais.
Ach nuair a chaidh fhaighneachd dha carson a bha e cho deònach an obair a dhèanamh, mhìnich e gu bheil an gnothach a' faireachdainn a cheart cho mòr dha fhèin 's a tha dha na farpaisich fhèin.
"Tha thu a' faicinn an toileachais, na PBs agus na buinn - cha b' urrainn dhomh mo leòr dheth fhaighinn."
Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh10 An Dùbhlachd 2025

- Air fhoillseachadh19 An t-Iuchar 2025

- Air fhoillseachadh9 An t-Iuchar 2025
