Tuilleadh fiosrachaidh a dhìth mus tòisich obair air fo-stèisean an Uibhist a Deas

Am fo-stèisean a th' ann an-dràsta air an làraich aig Druim Mòr
- Air fhoillseachadh
Dh'iarr Comhairle nan Eilean Siar barrachd fiosrachaidh bhon chompanaidh SSEN mus tòisich leasachadh aig fo-stèisean a th' aca ann an Uibhist a Deas.
Thuirt a' Chomhairle gun robh cead ro làimh bhuapasan a dhìth mus fhaod am pròiseact tòiseachadh.
Chuir a' chompanaidh chumhachd fios ro làimh chun na Comhairle san Dùbhlachd ag iarraidh an togalach a chur suas aig Druim Mòr fo chòraichean leasachadh ceadaichte.
Bhiodh innealan dealain agus uidheamachd gan stòradh san togalach stàilinn, a bhiodh mu 24tr de dh'fhaid, 20tr de leathad agus 23tr de dh'àirde.
'S ann tuath air an fho-stèisean a th' ann an-dràsta a bhiodh e stèidhichte.
Dh'fheumadh am feansa a tha timcheall an fho-stèisein air an taobh a tuath a bhith air a thoirt air falbh, 's an làrach fhèin a bhith air a leudachadh. Ghabhadh a' chompamnaidh cuideachd fearann air gabhaltas bho Stòras Uibhist airson an leasachaidh.
Chan eil sgioba slàinte àrainneachdail na Comhairle air gearan a thogail an aghaidh a' phròiseict, ach dh'iarr iad dearbhadh bho SSEN nach biodh barrachd fuaim a' tighinn às an togalach ùr.
Arc-eòlas
Thuirt comhairleach arc-eòlais na Comhairle gur dòcha gun toireadh am moladh, "ri linn cho àrd 's a bhiodh e, agus na làraich air am biodh e, buaidh air trì structaran clàraichte".
Dh'iarr iad ro-dhealbhan airson measadh ceart a dhèanamh, ag ràdh gum bi dath an togalaich cudromach 's gum bu chòir cùmhnantan a bhith an cois sin.
Dh'iarr oifigearan dealbhachaidh cuideachd dealbhan teicnigeach a bharrachd a' sealltainn àirde an togalaich an coimeas ri structaran a th' ann an-dràsta air an làraich, agus na h-ìrean talamhainn a th' ann 's a bhiodh ann.
Thuirt iad gu bheil an talamh a' tuiteam air falbh gu tuath air an fho-stèisean a th' ann.