Binn sia bliadhna air fear a phut duine air beulaibh ambaileans san Òban

Chaidh binn sia bliadhna air Lewis Budge aig an Àrd-Chùirt ann an Glaschu
- Air fhoillseachadh
Chaidh sia bliadhna prìosain air fear a phut fireannach air beulaibh ambaileans a bha a' dol aig astar gu ruige gairm èiginn san Òban.
Phut Lewis Budge, a bha 20 aig an àm, Robert Bromell far a' chabhsair aig a' Chorran sa bhaile air an t-6mh là den t-Sultain 2023.
Bha an dithis air a bhith le caraidean an dèidh dhaibh taigh-seinnse fhàgail nuair a thachair an ionnsaigh.
Chaidh Mgr Bromell, a bha 39, a dhroch ghoirteachadh, agus bhàsaich e san ospadal an ath-là.
Dh'innis Budge breug gun robh Mgr Bromell air "tuisleadh" 's air a dhol a-mach air beulaibh an ambaileans 's iad a' coiseachd air an t-sràid.
Sheall dealbhan CCTV ge-tà, gun do chuir e a làmhan air Mgr Bromell beagan diogan mus do bhuail an carbad ann.

Bhàsaich Robert Bromell san ospadal 's e air a dhroch ghoirteachadh nuair a bhuail an ambaileans ann
Chaidh binn air Budge, a bh' air aideachadh roimhe gun robh e ciontach de mharhadh le coire, aig an Àrd-Chùirt ann an Glaschu.
"Phut thu e le do dhà làimh a-mach dhan rathad air beulaibh an ambaileans," thuirt am Britheamh, am Morair Arthurson.
"Bha mar a rinn thu an dèidh sin, ann a bhith a' coiseachd air falbh 's a' cur a' choire air Mgr Bromell fhèin airson na thachair, agus mar, a rèir choltais, nach do rinn thu dad gus an deach d' ainmeachadh, uile mì-fhàbharach nad aghaidh."
Thuirt e gum bi buil aig na thachair thar ghinealaichean, agus nach càradh peanas sam bith sin.