Dàil air £12.5m a chur ri cosgais an MV Glen Rosa

MV Glen Rosa san docTùs an deilbh, CHRISTOPHER BRINDLE
  • Air fhoillseachadh

Tha maill sia mìosan air crìochnachadh an MV Glen Rosa air £12.5m a chur ris a' chosgais iomlain.

Dhearbh Gàrradh MhicFhearghais far a bheil i ga togail gun robh dàil a bharrachd ann ron Nollaig, ach tha iad a-niste air fiosrachadh a thoirt do bhuill na Pàrlamaid Albannaich mu chosgaisean a bharrachd na lùib.

Bha còir aig an t-soitheach a bhith deiseil ann an 2018, ach cha bhi i deiseil a-niste gu deireadh na bliadhna seo.

Tha cosgais a bhith a' togail an t-soithich bho chaidh an gàrradh a chur fo shealbh na Stàite ann an 2019 a-niste air èirigh gu £197.5m.

Bha duil an toiseach gun cosgadh am bàta seo is an tè eile bhathas a' togail, an MV Glen Sannox, £97m eatorra.

Chaidh na tomhaisean as ùire a chur mu choinneimh Comataidh Net Zero, Cumhachd agus Còmhdhail na Pàrlamaid Albannaich.

"Ged a tha an suidheachadh na adhbhar aithreachais, tha sinn misneachail mun chlàr-ama ùr agus na tomhaisean as ùire air a' chosgais," sgrìobh ceannard a' ghàrraidh, Graeme Thomson.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil an t-àrdachadh as ùire sna cosgaisean agus a' mhaill "na bhriseadh-dùil mòr".

"Measadh gu cùramach"

Rinn na partaidhean dùbhlanach càineadh air Riaghaltas na h-Alba mun àrdachadh as ùire sna cosgaisean airson an t-soithich ùir.

Thuirt labhraiche còmhdhail nan Tòraidhean, Sue Webber, gu bheil: "luchd-pàighidh nan cìsean a th' ann an cruaidh-chàs" a' pàigheadh prìs "bùrach mhaireannach aiseagan an SNP".

"Chaidh eileanaich a leigeil sìos aig a' h-uile car leis an riaghaltas SNP seo a tha gun nàire, ach chan eil aon mhinistear nàiseantach air a bhith cunntachail.

"'S ann le Iain Swinney a tha seo a' stad. Feumaidh e mìneachadh do dh'Albannaich cia mheud a bharrachd den airgead acasan a tha e deònach a dhortadh sìos an drèana."

Thuirt labhraiche eaconomaidh Lib Deamaich na h-Alba, Jamie Greene: "Tha seo cha mhòr a chòig uimhir 's na bu chòir an soitheach a bhith air cosg. Ghabhadh ceithir bàtaichean-aiseig a thogail air an aon phrìs.

"Chaidh rabhadh a thoirt do mhinistearan gun robh e air a bhith na bu shaoire an soitheach a bhriseadh 's tòiseachadh às ùr, ach dhiùlt iad a' chomhairle 's chùm iad a' dol.

"Aig a' cheart àm tha iad a' toirt chùmhnantan aiseig dhan Phòlainn 's dhan Tuirc, a' seachnadh luchd-togail shoithichean Albannach.

"Cha do dh'fhàg ministear sam bith an dreuchd ri linn an sgainneil seo. Chan fhaca coimhearsnachdan mun chosta, leithid Àird Rosain, sgillinn ruadh de dh'airgead-dìoghlaidh airson na bh' ann de bhuaireadh. 'S e ladarnas mòr uabhasach a th' ann 's cha dìochuimhnich muinntir taobh siar na h-Alba e."

Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear, Ceit Fhoirbeis: "Fhad 's a tha mi a' tuigsinn gu bheil na h-earrainnean mu dheireadh de thogail is feuchainn soithich ùir air leth teicnigeach - agus cha tig cuid de thrioblaidean am bàrr ron ìre seo - 's e briseadh dùil mòr a th' anns a' mhaill agus cosgaisean a bharrachd, gu h-àraid do choimhearsnachdan eileanach a tha a' crochadh air seirbheisean aiseig.

"Tha Riaghaltas na h-Alba a' measadh gu cùramach an fhiosrachaidh a thugadh seachad ach an tuigear gu h-iomlan buille a' chlàir-ama is nan cosgaisean ùra.

"Cumaidh sinn oirnn a' cumail Gàrradh MhicFhearghais cunntachail airson an soitheach a lìbhrigeadh, smachd a chumail air cosgaisean agus a bhith gu tur tro-fhaicsinneach mar a thèid am pròiseact air adhart."