"Àrdachadh mòr" air na tha air Clàr nan Drabastairean sa cheann a tuath

Loch LìobhannTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha aithisg ùr ag ràdh gun tàinig àrdachadh 30% sna còig bliadhna a dh'fhalbh air an àireimh de dh'eucoirich fheiseil clàraichte (RSO) air a' Ghàidhealtachd, na h-Eileanan an Iar, Arcaibh is Sealltainn - rud beag nas àirde an taca ris a' chòrr de dh'Alba.

A rèir aithisg bhliadhnail HIMSOG, taobh a-muigh - a' bhuidheann riaghaltais a bhios a' cumail faire air mar a tha eucoirich gan làimhseachadh san sgìre - bha 288 eucoirich sa choimhearsnachd ris an robhar a' dèiligeadh bho sgeamaichean MAPPA a tha ag amas air am poball a dhìon.

Thog an aithisg dragh nach d' fhuair na diofar ùghdarrasan, an leithid chomhairlean agus bùird-slainte, maoineachadh neo goireasan a bharrachd gus dèiligeadh ris an àrdachadh.

Tha cathraiche HIMSOG, Seumas Maybee, ag ràdh nach eil staing an taigheadais ach a' dèanamh cùisean nas miosa.

"Cha bhi sinn dìreach a' toirt taigh do dh'eucoireach feiseil - feumar pròiseas teann a tha a' measadh cunnairt a dhèanamh - airson àite-fuirich sam bith a thathar a' moladh do RSO.

"Ann an co-theacsa gainnead taigheadais, chì sibh gu bheil uallach a bharrachd dachaigh iomchaidh a lorg a tha sinn a' meas sàbhailte gus coimhearsnachd a dhìon."

Uallach

Tha Mgr Maybee a' dol às àicheadh mar a bhios cuid a' cumail a-mach gum bi eucoirich fheiseil gu cunbhalach gan cur à àitichean eile an Alba a dh'fhuireach aig tuath.

Aig a' cheart àm, tha dragh air mu phoileasaidhean a tha a' fàgail gu bheil eucoirich fheiseil gan gluasad chun na sgìre à Sasainn agus às a' Chuimrigh agus mun uallach a bharrachd a tha seo a' cur air na buidhnean ionadail a dh'fheumas dèiligeadh riutha.

Ge-tà, na bheachd, chan e sin an aon rud as coireach ris an àrdachadh anns na th' ann dhiubh air a' Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan, ach cuideachd "gu bheil barrachd dhaoine air gearan a thogail leis na poilis mu eucoirean eachdraidheil".

"Cuideachd thàinig àrdachadh mòr air eucoirean feiseil saidhbeir, grumadh agus dubh-saothrachadh, ìomhaighean drabasta air-loidhne a bhith aig daoine.

"Tha an lagh cuideachd air atharrachadh a tha a' fàgail gu bheil barrachd giùlain air a mheas mar eucoir fheiseil," mhìnich Mgr Maybee.

A dh'aindeoin gach dùbhlain a th' ann, thuirt Mgr Maybee "gu bheil e fhathast misneachail gun tèid aig na buidhnean a tha an sàs ann am MAPPA ri ar coimhearsnachdan a chumail sàbhailte sa bhliadhna air thoiseach".