Ceistean air CnES mu chùmhnantan aiseig

Tha an Comh. Robasdan ag ràdh gum feumar coimhead ri prìomhachasan nan Eilean Siar a bharrachd air Inbhir Chluaidh
- Air fhoillseachadh
Tha dragh air Comhairle nan Eilean Siar mun naidheachd gun deach cùmhnantan airson dà bhàt-aiseig ùr airson Caolas na Hearadh agus Caolas Bharraigh a thoirt do Ghàrradh MhicFhearghais gun fharpais.
Dh'innis Riaghaltas na h-Alba an naidheachd Dimàirt, aig a' cheart àm 's a dh'fhoillsich iad gun tèid cùmhnant airson bàta ùr an àite an Lord of the Isles a chur a-mach gu tairgse.
Thuirt ceannard Ghàrradh MhicFhearghais, Graeme MacThòmais, gu bheil iad gu math toilichte na cùmhnantan fhaighinn gu dìreach, agus gur dòcha gun dèan iad tairgse airson a' chùmhnant eile cuideachd.
Thuirt cathraiche comataidh na còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, gur e eachdraidh Ghàrradh MhicFhearghais a tha na h-adhbhar dhragh.
"Tha fhios aig a h-uile duine an ùine a tha na h-aiseagan an Glen Sannox agus an Glen Rosa air toirt. Suas ri deich bliadhna gu ìre," thuirt e.
"Tha fhios agam gu bheil na h-aiseagan seo gu math nas lugha ann an dòigh, agus dh'fheumamaid a bhith gu math gu math cinnteach gun robh na comasan aig a' ghàrradh na h-aiseagan seo a thogail."
Gàrradh MhicFhearghais a-nis leis an Stàit
- Air fhoillseachadh16 An Lùnastal 2019
Gàrradh MhicFhearghais ga chàineadh
- Air fhoillseachadh17 An Dùbhlachd 2024
Gàrradh MhicFhearghais an dùil tagradh airson bhàtaichean beaga dealain
- Air fhoillseachadh18 An t-Iuchar 2024
Thuirt Mgr Robasdan nach biodh e an aghaigh cùmhnantan a bhith air an toirt don ghàrradh - a th' ann an làmhan na Stàite - nan robhas cinnteach, ach gum feumar coimhead ri prìomhachasan nan eilean cuideachd.
"Bhiomaid uile taiceil chun sin nan tachradh e, ach feumaidh sinn a dhèanamh cinnteach gu bheil na h-amasan againne air an coimhead riutha cuideachd," thuirt e.
"Tha an dà chaolas a tha seo tha iad gu math gu math trang, agus Caolas na Hearadh mar eisimpleir chan eil ann ach an dà shoitheach as urrainn a dhèanamh, an Loch Portan 's an Loch Bhrùsda.
"'S tha an Loch Bhrùsda gu math beag agus i a' fàs gu math sean i fhèin.
"Tha sin gu math draghail dhuinn, ach tha mi a' smaoineachadh gu bheil tòrr ri dhèanamh timcheall air seo fhathast mus tèid an gnothach a chur air dòigh."
Ceistean iomchaidh
A' foillseachadh na naidheachd sa Phàrlamaid Dimàirt, thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear, Ceit Fhoirbeis:
"Tha dùbhlain lìbhrigidh air ceistean a thogail, gu ceart, mu chomas a' ghàrraidh agus mu cho-dhùnaidhean a rinneadh roimhe.
"Bha na ceistean sin gach cuid cudromach agus iomchaidh, ach 's e cuideachd meadhan atharrachaidh a th' ann an sin.
"Le obair-togail a' Ghlen rosa a' teannadh ri crìch, feumaidh sinn cuideachd coimhead ris na tha ri teachd don ghàrradh."
Thuirt i gu bheil sgioba stiùiridh ùr an sàs, le piseach air dòighean-obracha gus cuntachalachd a' ghàrraidh, agus chaidh cunntasan a' ghàrraidh airson 2024/25 fhoillseachadh san Dùbhlachd an cois aithisg bho Bhuidhinn Sgrùdaidh na h-Alba.
"Air an gabhail còmhla, tha iad seo a' taisbeanadh leasachaidh a ghabhas tomhas a thaobh riaghladh agus smachd aig a' ghàrradh an taca ri bliadhnaichean roimhe," thuit a' Bh-Ph. Fhoirbeis.
"Tha na leasachaidhean sin air an dealbh airson taic a thoirt do phlanadh nas fheàrr, smachd nas teanna air cosgaisean, agus lìbhrigeadh nas cunbhalaiche."

Chaidh cùmhnantan airson dà bhàt-aiseig a thoirt gu dìreach gu Gàrradh MhicFhearghais Dimàirt gun fharpais
Aig a' cheart àm tha na Libearalaich Dheamocratach air deasbad a chur air dòigh feasgar Diciadain aig Holyrood, 's iad ag ràdh gur e "ro-innleachd leantainneach" a tha a dhìth air seirbheisean aiseig agus puirt na dùthcha.
Thuirt iad gu bheil mòran de choimhearsnachdan eileanach agus air a' chosta an Alba air an trèigsinn leis an riaghaltas le staing leantainneach nan aiseagan.
Tha seo air droch bhuaidh a thoirt, tha iad ag ràdh, air gnothachasan, beò-shlaint agus eaconomaidhean ionadail.
Tha iad cuideachd a' gearan nach eil sgeama airgid-dhìolaidh airson amannan nuair a tha aiseagan dheth ga thoirt dhan a h-uile coimhearsnachd - rud a dh'iarradh iad a bhith air a leasachadh.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil leithid de phlana aca an gnìomh mar thà., agus 11 soitheach ùr gan togail an-dràsta.
Thog iad air mar a tha Plana Ceangail nan Eilean ann mar thà, a bhios a' coimhead ri aiseagan agus bun-structar aig puirt a leasachadh a dh'ionnsaigh 2045.