Gàrradh MhicFhearghais a-nis leis an Stàit

  • Air fhoillseachadh
MV Glen SannoxTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha cùmhnant airson dà bhàt-aiseig ùr do ChalMac bliadhnaichean air dheireadh, agus thairis air buidseat.

Tha Riaghaltas na h-Alba air Gàrradh Shoithichean MhicFhearghais air Cluaidh a chur dhan Roinn Phoblaich.

'S iad ministearan na h-Alba a bhios an urra ris a' ghàrradh a ruith a-niste, le aonta stiùiridh le luchd-rianachd, Deloitte.

'S e Gàrradh MhicFhearghais an gàrradh togail shoithichean coimearsalta mu dheireadh a th' air fhàgail air Cluaidh.

Fon aonta, mura ceannaich companaidh phrìobhaideach an gàrradh taobh a-staigh ceithir seachdainnean, 's e Riaghaltas na h-Alba a cheannaicheas e.

Tha eas-aonta air a bhith eadar an gàrradh agus Riaghaltas na h-Alba o chionn treis mu chosgaisean agus maill air a bhith orra a' togail dà bhàt-aiseig ùr do ChalMac.

Tha mu 300 duine ag obair aig a' ghàrradh, ann am Port Ghlaschu.

Tha an t-aonta a' ciallachadh gun gabh obair air an dà bhàt-aiseig cumail a' dol.

Tha iad bliadhnaichean air dheireadh, agus tha an gàrradh air a bhith a' cumail a-mach nach gabhadh na soithichean crìochnachadh air a' bhuidseat de £97m a chaidh aontachadh an toiseach.

Thug Riaghaltas na h-Alba iasadan luach £45m dhan ghàrradh an co-cheangal ris a' chùmhnant. Chan eil e soilleir dè thachras don airgead sin a-niste.