Gàrradh MhicFhearghais ga chàineadh

Chaidh maill mhòr air dà shoitheach a bha Gàrradh MhicFhearghais a' togail do ChalMac.
- Air fhoillseachadh
Chaidh manaidsearan aig Gàrradh MhicFhearghais ann am Port Ghlaschu, a tha le Riaghaltas na h-Alba, a chàineadh gu làidir le buidheann-faire airson droch cho-dhùnaidhean agus droch stiùireadh ionmhais.
Chuir an aithisg aig Àrd-Neach-Sgrùdaidh na h-Alba, Stephen Boyle, fòcas air pàighidhean a fhuair daoine a dh'fhàg an dreuchdan aig a' ghàrradh bho chionn ghoirid, is iad os cionn ìrean a bhiodh iomchaidh anns an roinn phoblaich.
Tha an gàrradh air a bhith connspaideach air sgàth 's mar a tha iad air obair do ChalMac a làimhseachadh.
Dh'fhàg dàil dà bhàt'-aiseig còrr air còig bliadhna fadalach agus cosgaidh iad ceithir tursan a bharrachd na bhathas an dùil.
Fhuair CalMac an MV Glen Sannox mu dheireadh thall air a' mhìos a dh'fhalbh agus tha dùil gum bi an MV Glen Rosa aca anns an t-Sultain an ath-bhlaidhna.
Chan eil obair aig a' ghàrradh às dèidh sin agus tha an aithisg a' togail theagamhan mu dè bhios an dàn dhan chompanaidh anns an àm ri teachd.
Thuirt an Àrd-Neach-Sgrùdaidh: "Tha an t-àm ri teachd a' coimhead mì-chinnteach do Ghàrradh MhicFheaghais. Chan eil obair no teachd a-steach aca airson an ama ri teachd, às dèidh dhaibh an Glen Rosa a thoirt seachad."
Dh'iarr Maighstir Boyle ath-sgrùdadh neo-eisimeileach air riaghladh aig Gàrradh MhicFheaghais airson dèanamh cinnteach nach tèid na h-aon mhearachdan a dhèanamh a-rithist.
Dhearbh Riaghaltas na h-Alba na bu tràithe am bliadhna gun tèid suas ri £14.2m a chosg air a' ghàrradh thairis air dà bhliadhna, cho fads gun tèid pròiseasan sgrùdaidh iomchaidh a leantainn a thaobh an lagha, ionmhais agus gnothaichean coimearsalta.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad ag obrachadh còmhla ri Gàrradh MhicFheaghais feuch riaghladh a neartachadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh3 An Dùbhlachd 2019

- Air fhoillseachadh21 An t-Samhain 2024
