Seòid RNLI Mhalaig

Fo-thiotal a’ bhidio,

Cuid de chriutha bhàta-teasairginn Mhalaig, Mìcheal Ian Currie, Kevin MacDonnell, Iain MacNèill agus Colin Biddulph.

  • Air fhoillseachadh

Ged nach ann aca a tha an sgìre as motha chan eil sin a' ciallachadh nach eil stèisean bhàta-teasairginn Mhalaig trang.

Gu dearbha, 's e an dàrna stèisean as trainge air costa siar na h-Alba às dèidh an Òbain.

Chaidh an criutha a ghairm 46 tursan an-uiridh agus 51 tursan ann an 2022.

Tha an sgìre aca a' dol cho fada tuath ri Caol Reithe, a-mach gu Gob na h-Èist air taobh siar an Eilein Sgitheanaich sios gu Heisgeir agus cheann a tuath Cholla agus a-steach gu Àird nam Murchan.

Tha sin a' ciallachadh gu bheil Eige, Eilean nam Muc, Canaigh agus Eilean Ruim an urra riutha cuideachd.

Bidh iad cuideachd a' dol cho fada a-staigh ri Oighreachd Chamas Ruairidh aig ceann Loch Nibheis.

"Chan e sgìre mhòr a th' ann air an 'chart' ach a thaobh mìltean a' chladaich 's e sgìre mhòr a th' innte," thuirt an coxswain Mìcheal Ian Currie.

Mìcheal Ian Currie
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Mìcheal Ian Currie air a bhith an luib an RNLI fad 22 bliadhna

Thòisich Mìcheal Ian leis an RNLI mar shaor-thoileach ann an 2002. Ron a sin bha e ag iasgach.

Ann an 2008 fhuair e obair làn-ùine mar choxswain.

"Nuair a dh'fhalbhas am pager chan eil fhios agad dè a tha thu a' dol a dhèanamh gu h-àraid mun àm-sa dhen bhliadhna.

"Air a' gheamhradh mar is tric 's e 'medivacs' a bhios sinn a' dèanamh sìos gu na h-eileanan. Bidh sinn a' toirt an luchd-eiridinn a-mach, uaireanan luchd-smàlaidh, ma dh'fhaoidte, a-mach gu teine sna h-eileanan.

"An uairsin toiseach an Ògmhìos a-staigh dhan t-samhradh tòisichidh na iachtaichean agus daoine a' tighinn timcheall nan costaichean agus bidh e a' fàs beagan nas trainge.

An Red DuchessTùs an deilbh, RNLI
Fo-thiotal an deilbh,

An Red Duchess agus i ceangailte ri bàta-teasairginn Mhalaig

Am measg an iomadh gairm-èiginn sa bheil an sgioba air a bhith an sàs bha tachartas san t-Samhain 2010 a dh'fhàg an criutha a' faighinn litir bho cheannardan an RNLI a' toirt taing dhaibh.

Chuir iad stad air a' bhàta-bhathair an Red Duchess, a bha a' giulain luchd de ghuail, bho a bhith a' dol air creagan Eilean Ruim ann an gèile.

Bha einnseanan a' bhàta air fàiligeadh.

Chaidh co-dhùnadh gun robh e ro chunnartach an sianar chriutha a thoirt far an t-soithich agus gum biodh e na b' fheàrr loidhne a cheangal rithe gus an tigeadh bàta-slaodaidh nam maor-cladaich, an Anglian Prince, air a tòir.

Thuirt Mìcheal Ian: "Chum sinn i fad dà mhìle a-mach à Eilean Ruim airson sia uair an uaireadair gus an tàinig an tug a-nuas à Loch Iùbh."

Cha robh a' chùis seachad air a sin. Goirid mus do ràinig am bàta-slaodaidh bhris an ròp.

Fhuair am bàta-slaodaidh air uèir a chur rithe - ach bhris sin cuideachd.

Thàinig air am bàta-teasairginn ròp a chur rithe uair eile mus d' fhuair am bata-slaodaidh air uèir a cheangal rithe airson an dàrna turais.

"Dh'fhàg sinn seo aig deich uairean sa mhadainn agus bha e aon uair deug a dh'oidhche nuair a cheangal sinn suas. Là fada," thuirt Mìcheal Ian.

Iain MacNèill
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Iain MacNèill air a bhith san RNLI bliadhnaichean mòra

Tha sgioba-teasairginn sam bith a' crochadh air daoine a tha ag obair gu saor-thoileach agus a tha deònach gairm a fhreagairt aig àm sa bith.

Coltach ri Mìcheal Ian 's ann à Barraigh a tha Iain MacNèill bho thùs. Tha e an-diugh a' fuireach ann am Mòrar.

Tha e air a bhith na bhall san RNLI mu 30 bliadhna.

"Nuair a gheibh sinn call, tha an fhuil agad a' fàs teth. Tha thu a' rèiseadh chun a' chall.

"Is beag orm a bhith a' call gairm. Ma dh'fhalbhas am pager tha mi airson falbh. I'll go.

"Bidh a' bhean ag ràdh,"càite a bheil thu a' dol?" Feumaidh mi falbh!

"Chan eil e gu diofar dè a bhios mi a' dèanamh. Down tools agus mach à seo. Tha e math," thuirt e.

Criutha Mhalaig air a' bhàta
Fo-thiotal an deilbh,

Criutha Mhalaig air a' bhàta

Leigidh Mìcheal Ian dheth a dhreuchd am-bliadhna agus tha am meacanaig aca a’ cur bhuaithe a chuid obrach.

Tha Iain cuideachd a’ ruighinn na h-aois far am feum e fhèin beachdachadh air an obair a leigeil seachad.

Ach chan eil e buileach deiseil a chùl a chur ris an obair.

Thuirt e: "Tha dà mhìos eile agam agus tha mi a' retireadh. Tha mi 65.

"Faodaidh mi fuireach ma gheibh mi am medical. Chòrdadh e rium fuireach.

"Ma gheibh mi a medical cumaidh mi a' dol, 's dòcha," thuirt e.

Fàgaidh Mìcheal Ian san Dàmhair.

Bidh e ag ionndrainn an sgioba agus a bhith a-muigh air a' bhàta.

Ach tha aon rud nach bi e ag ionndrainn.

"Chan ionndrainn mi am pager a' dol dheth aig dà uair sa mhadainn, no trì uairean sa mhadainn no ceithir uairean sa mhadainn.

"Cumaidh mi ceangailte ris air dòigh air choireigin.

"Ach 's e ionndrainn mòr a bhios ann - tha sin cinnteach - as dèidh sia bliadhna deug," thuirt e.