Fear air a dhroch leòn an ionnsaigh an uairean beaga na maidne an Inbhir Nis

Thuirt na poilis gun do thachair an ionnsaigh air Rathad Golf View an uairean beaga madainn Dimàirt
- Air fhoillseachadh
Chaidh fireannach fhìor dhroch ghoirteachadh ann an ionnsaigh aig taigh ann an Inbhir Nis.
Thuirt Poileas Alba gun tugadh an ionnsaigh eadar 02:00m agus 04:00m sa mhadainn Dimàirt aig Rathad Golf View.
Thuirt iad gun do theich an neach neo na daoine a thug an ionnsaigh às an làraich.
Tha na poilis ag iarraidh air daoine a chunnaic càil fios a chur orra.
Thuirt Poileas Alba: "Tha an sgrùdadh againn air a' chùis a' leantainn agus tha sinn ag iarraidh air daoine a chunnaic neo a chula càil amharasach neo aig a bheil fiosrachadh a thighinn air adhart.
"Tha sinn cuideachd ag iarraidh air daoine le dealbhan CCTV, dashcam neo clag-dorais a thighinn air adhart ma chì iad dad a dh'fhaodadh ar cuideachadh."