Chaidh neach-coise a sgèith dhan ospadal an dèidh tubaist rathaid

Drochaidh Omhaich bhon adhar Tùs an deilbh, Google
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh am boireannach a bhualadh le càr aig Drochaid Omhaich

  • Air fhoillseachadh

Chaidh boireannach a bh' air chois a sgèith dhan ospadal an dèidh mar a bhuail càr innte faisg air Cille Chuimein Là na Sàbaid.

Thachair an tubaist, san robh cuideachd Volkswagen Golf dubh an sàs, air an A82 aig Drochaid Omhaich an Obair Chaladair timcheall air 2:30f.

Chaidh am boireannach, 44, a thoirt le ambaileans-adhair a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis agus i air a droch ghoirteachadh.

Bha am prìomh-rathad eadar Inbhir Nis agus An Gearasdan dùinte airson sia uairean de thìde fhad 's a bhathar a' sgrùdadh na cùise.

Thuirt an Sàirdseant Chris Donaldsan:"Tha an sgrùdadh againn a' leantainn feuch dè a dh'adhbhraich an tubaist agus tha sinn airson bruidhinn ri daoine a chunnaic na thachair agus nach do bhruidhinn ri oifigearan fhathast.

"Nan robh sibh a' dràibheadh san sgìre aig an àm, nach toir sibh sùil air dealbhan dash-cam agus fios a chur oirnn ma tha càil orra a dh'fhaodadh ar cuideachadh."

Dh'iarr na poilis fònadh gu 101, taobh a-muigh ma tha fiosrachadh agaibh.