Comhairle na Gàidhealtachd a' leudachadh seirbheisean bhusaichean an Inbhir Nis

- Air fhoillseachadh
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad gu bhith a' tabhann seirbheisean bus air slighean ùra bho 19mh den Ghearran.
Dh'innis Stagecoach aig deireadh 2025 gun robh iad a' dol a ghearradh sheirbheisean ann an sgìre Dhail an Eich, Dreigidh, Cùl Daothail agus Muilinn an Leigheis ann an Inbhir Nis.
Tha dùil gun stad na seirbheisean aig Stagecoach air an 16mh den Ghearran agus tha iad ag ràdh gur e cion a chleachdaidh is coireach gu bheil iad a' lùghdachadh nan seirbheisean aca.
Tha daoine anns na diofar sgìrean air an toir seo buaidh air a bhith a' togail dragh a thaobh a bhith a' faighinn gu an obair agus gu diofar choinneamhan cudromach.
Thuirt Cathraiche Comataidh na h-Eaconamaidh agus a' Bhun-structair, an Comh. Ken Gowans gun robh sgioba na comhairle fhèin air seirbheisean ùra a chur air dòigh mar fhreagairt air gearraidhean Stagecoach.
Thuirt Àrd Oifigear nan Goireasan agus nan Carbadan Paul Reid: "Tha sinn toilichte seirbheis a thoirt do choimhearsnachdan a bhiodh a' faireachdainn buaidh nan atharrachaidhean. Chaidh clàran-ama a chur air dòigh a tha a' freagairt air na goireasan a th' againn aig an àm seo."
Seo na seirbheisean ùra a bhios a' ruith bho Dhiardaoin 19mh den Ghearran:
104 Baile Mhuilinn an Leigheis gu Falcon Square
107 An Slag Buidhe gu Sràid na Drochaide
106 Bruce Gardens, Dail an Eich gu Sràid na h-Acadamaidh
Chaidh atharrachaidhean a dhèanamh ri cuid de sheirbheisean eile na comhairle air sgàth nan slighean ùra.
Thig seirbheis 100 nan Innseagan gu ceann air an 18mh den Ghearran agus thèid seirbheis 104 na àite. Crìochnaichidh seirbheis 100 nam Bùithtean air an 17mh den Ghearran agus tha seirbheisean 104 agus 107 a' gabhail thairis, a rèir far a bheil an luchd-cleachdaidh a' fuireach.
Chan eil seirbheis 404A Drochaid Sgudail/Baile Màiri air ais agus air adhart gu Inbhir Pheofharain gu bhith a' ruith ach air làithean-sgoile a-mhàin. 'S e seirbheis sgoile a tha seo dhaibhsan a tha a' fuireach trì mìle no còrr air falbh bho Acadamaidh Inbhir Pheofharain.
Thèid clàran-ama fhoillseachadh air làrach-lìn nam busaichean aig Comhairle na Gàidhealtachd agus air duilleag Facebook aca.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh2 An Dàmhair 2025

- Air fhoillseachadh3 An Gearran 2023
