Chaidh goid bho ghrunn thaighean sa Ghleann Mhòr bhon Dùbhlachd

Cille Chuimein Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh stuth a ghoid bho ghrunn thaighean ann an Cille Chuimein sa mhìos a chaidh seachad

  • Air fhoillseachadh

Tha na poilis a' rannsachadh an dèidh mar a chaidh briseadh a-steach do ghrunn dhachaighean am bailtean sa Ghleann Mhòr air a' Ghàidhealtachd.

Bhon Dùbhlachd, tha mèirlich air faighinn a-steach do thaighean ann an Cille Chuimein, Leitir Fhionnlaidh, Banabhaidh agus Druim na Drochaid.

Ghoid iad deoch-làidir, airgead agus seudradh.

Thuirt na poilis gun deach dithis fhireannach fhaicinn agus amharas mun dol a-mach aca ann an sgìre Chille Chuimein air an 5mh den Fhaoilleach, agus tha oifigearan ag obair feuch a bheil na h-eucoirean ceangailte.

Tha iad cuideachd a' sgrùdadh an dèidh mar a bhriseadh a-steach do thaigh ann an Ceann a' Ghiùthsaich.

"Bithibh furachail"

Thuirt Poileas Alba gur ann air a' mhìos a chaidh a thòisich an goid.

  • Cille Chuimein: Chaidh briseadh a-steach do ghrunn thogalaichean timcheall air Rathad an Stèisean, Rathad Àrdachaigh agus Taobh Tuath a' Chanàil eadar an Dùbhlachd agus Diciadan an 7mh den Fhaoilleach. Chaidh falbh le deoch-làidir à aon làraich agus tha rannsachadh a' dol feuch an deach càil a ghoid bho na dachaighean eile.

  • Druim na Drochaid: Tha dùil gun deach briseadh a-steach do thogalach air Rathad na Cille Mòire eadar Disathairne an 10mh den Fhaoilleach agus Dimàirt an 13mh den Fhaoilleach.

  • Leitirfhionnlaidh: Chaidh briseadh a-steach do dhà thaigh a tha ceangailte eadar Disathairne an 3mh den Fhaoilleach agus Dihaoine an 9mh den Fhaoilleach. Chaidh còrr is £100 a ghoid.

  • Banabhaidh: Fhuaireadh aithirs aig 02:10m madainn Dimàirt an 13mh den Fhaoilleach mu bhriseadh a-steach gu taigh. Chaidh seudraidh agus nithean eile a thoirt air falbh.

  • Ceann a' Ghiùthasaich: Chaidh briseadh a-steach do dhachaigh air Rathad Bhaile Ùr an t-Slèibh agus fhuair na poilis aithris mun sin Diardaoin an 9mh den Fhaoilleach.

Thuirt an Det Sàirdseant Laura NicAoidh gun robh an sgrùdadh a' leantainn.

"Tha sinn a' brosnachadh dhaoine le dealbhan CCTV, glag-dorais neo dashcam bho na làithean agus àitichean sin sùil a thoirt air na chaidh a chlàradh agus fios a chur air na poilis ma tha iad den bheachd gu bheil càil ann a dh'fhaodadh ar cuideachadh," thuirt i.

"Bu mhath leam cur an cuimhne luchd-còmhnaidh a bhith furachail mu thèarainteachd an dachaighean.

"Dèanaibh cinnteach gu bheil uinneagan agus dorsan glaiste bhon taobh a-staigh agus beachdaichibh air camarathan clag-dorais, camarathan tèarainteachd agus innealan-rabhaidh a chur an sàs."

Poll Mhàilidh

Aig an dearbh àm, dh'iarr na poilis fiosrachadh mu mhèirle eile ann na sgìre Pholl Mhàilidh faisg air Druim na Drochaid.

Tha dùil gun deach falbh le stuth bho dhà loidse a thathas a' togail ann an sgìre Pholmaily uaireigin eadar Diluain an 22dn den Dùbhlachd agus Dimàirt an 13mh den Fhaoilleach.

Chaidh na h-uimhir de thaidhlichean a ghoid cuideachd.

Thuirt na poilis nach robh ceangal ann eadar a' chùis-sa agus mar a chaidh a ghoid bho ghrunn thaighean sa Ghleann Mhòr.

Thuirt an Det Conastabal Daibhidh MacCoinnich: "Tha sinn airson bruidhinn ri duine sam bith a dh'fhaodadh a bhith air càil amharasach fhaichinn neo a chluinntinn san sgìre aig an àm seo, neo aig a bheil fiosrachadh a dh'fhaodadh a bhith feumail don rannsachadh againn."

Tha na poilis air iarraidh air duine air an deach stuth a thabhann, neo aig a bheil dealbhan prìobhaideach neo dashcam a thighinn air adhart.

Thathar ag iarraidh air duine le fiosrachadh mu na cùisean sin fios a chur air na poilis air 101.