"Caitheamh airgid" brataichean a thoirt a-nuas an Inbhir Nis

Bratach an aonaidh aig Gearasdan nan Camshronach
  • Air fhoillseachadh

Tha comhairliche Tòraidheach ag ràdh gur e caitheamh airgid "uabhasach" a th' anns a' cho-dhùnadh aig Comhairle na Gàidhealtachd brataichean a chaidh a chur an àirde air puist-lampa faisg air taigh-feachd ann an Inbhir Nis a thoirt a-nuas.

Tha planaichean aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte 300 neach-siridh-comraich a chur a dh' fhuireach gu Gearastan nan Camshronach anns a' bhaile. Tha iad airson stad a chur air a bhith a' cumail luchd-siridh-comraich ann an taighean-òsta.

Nochd bratach na Rìoghachd Aonaichte agus bratach Alba air puist-lampa air Seann Rathad Pheairt ann an Inbhir Nis anns na beagan làithean mu dheireadh.

Thuirt an t-ùghdarras ionadail nach gabhadh iad air chor sam bith ri daoine a bhith a' cur shoidhnichean no brataichean no rud sam bith gun chead oifigeil ri puist-lampa agus gun deadh an toirt a-nuas.

Thuirt an comhairliche Ruairidh Stiùbhart gun robh rudan tòrr nas cudromaiche ann ris am bu chòir don chomhairle a bhith a' dèiligeadh.

Thuirt Mgr Stiùbhart gum bu chòir dhaibh a bhith a' sguabadh dhuilleagan far nan sràidean no a' càradh sholais a tha briste anns na lampaichean, seach a bhith a' toirt a-nuas nam brataichean.

Tha brataichean air nochdadh air na sràidean ann an sgìrean air feadh Alba o chionn ghoirid co-cheangailte ri daoine a bhith a' togail fianais an aghaidh inimrichean.

Thuirt Oifis na Dùthcha aig toiseach na seachdaineach gu bheil còmhraidhean a' dol gus Gearastan nan Camshronach agus campa trèanaidh airm Crowborough ann an Sussex a chleachdadh mar àiteachan-fuirich do luchd-siridh comraich.

Chaidh innse an uair sin gun tèid obair sgeadachaidh luach £1m a dhèanamh air a' Ghearastan mar phàirt den phlana an luchd-siridh comraich a chumail ann.

Thog comhairlichean aig Comhairle na Gàidhealtachd agus Riaghaltas na h-Alba dragh mu cho freagarrach 's a tha an Gearastan.

Bidh coinneamh shònraichte aig Comhairle na Gàidhealtachd mun ghnothach an ath-sheachdain.

Luchd-siridh-comraichTùs an deilbh, Anadolu via Getty Images

Thog Rùnaire a' Cheartais Shòisealta ann an Riaghaltas na h-Alba, Shirley-Anne Somerville, dragh mu bhuaireadh sa choimhearsnachd ann an litir gu Rùnaire na Dùthcha aig Riaghaltas Westminster, Shabana Mahmoud.

Anns an litir, tha i a' ceasnachadh cho freagarrach 's a tha Gearastan nan Camshronach agus a' faighneachd mun taic a tha a dhìth air luchd-siridh-comraich. Dh' fhaighnich i cuideachd dè am maoineachadh a tha ri fhaotainn airson a chur mu choinneamh buaidh air seirbheisean san sgìre.

Thuirt ministear Oifis na Dùthcha Alex Norris gun robh na h-oifigich aige air conaltradh ris an riaghaltas agus riuthsan a tha a' toirt seachad sheirbheisean agus thuirt e gun robh iad airson buaidh air a' choimhearsnachd a lùghdachadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo