Fàilte mhòr air Fin Greumach an Inbhir Pheofharain

Fin Greumach air ais aig Acadamaidh Inbhir Pheofharain
- Air fhoillseachadh
Chaidh fàilte mhòr a chur air Fin Greumach is e a' tilleadh dhachaigh dhan Ghàidhealtachd bho na Geamaichean Paralimpigeach ann am Paris.
Shoirbhich gu math le Fin, 24, à Srath Pheofhair, san Fhraing is e a' coisinn dà bhonn aig na geamaichean.
Fin Greumach air ais aig an taigh
Bhuannaich e bonn òir ann an Rèis Rathaid C1 - 3 is bonn airgid ann am farpais C3 3000m Individual Pursuit nam fear.
Bha an Greumach cuideachd air clàr na cruinne a bhristeadh san fharpais sin - ged a chaidh a bhristeadh a-rithist cha mhòr sa bhad le Jaco van Gass.


Bha Fin, a bha uair na sgoilear aig Acadamaidh Inbhir Pheofharain, air ais air a' bhaidhseagal aige madainn Diardaoin is e fhèin is cuid de sgoilearan an là an-diugh a' dol eadar Drochaid Sguideil is an sgoil.
Chuir tidsearan agus sgoilearan fàilte mhòr air an sin.
Chan eil e a' faighinn fois ge-tà, is gus falbh gu farpaisean rathaid na cruinne an ath-sheachdain.

Fin Greumach agus am bonn òir aige ann am Paris
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh30 An Lùnastal 2024

- Air fhoillseachadh2 An t-Sultain 2021

- Air fhoillseachadh3 An Lùnastal 2023
