Suidheachadh Celtic "cho annasach 's a ghabhas"

Màrtainn O'NeillTùs an deilbh, SNS
  • Air fhoillseachadh

Tha an treas linn aig Màrtainn O'Neill aig Celtic air tòiseachadh is an t-Èireannach air tilleadh gu Parkhead gu deireadh an t-seusain.

Ghluais Celtic gu luath gus O'Neill a thoirt air ais mar mhanaidsear eadar-amail oidhche Luain às dèidh dhaibh Wilfried Nancy a chur às a dhreuchd.

Cha robh Nancy anns an obair ach 33 làithean.

Dh'fhàg cuideachd Pòl Tisdale a dhreuchd mar stiùiriche a' bhuill-choise.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne Dimàirt, thuirt Ruairidh MacCarmaig, a tha a' cur taic ri Celtic, gun robh an dòigh anns an do làimhsich an cluba an gnothach air fad "cho annasach 's a ghabhas".

"Tha aineolas a' dol air cùl ghnothaichean an-dràsta aig Celtic," thuirt Ruairidh.

"Chan eil fios aca dè dha-rìribh a tha iad ag iarraidh no càite bheil iad mar sgioba.

"An rud a tha cudromach an seo cuideachd gu bheil Pòl Tisdale a' falbh. Tha ceistean mòra agam carson a thàinig esan a-steach sa chiad dol a-mach agus na co-dhùnaidhean a rinn e."

Tha Ruairidh cuideachd den bheachd gur e ceum ciallach a th' ann O'Neill a thoirt air ais feuch gnothaichean a shocrachadh.

Bidh a' chiad gheama aig O'Neill air ais aig an stiùir aig Parkhead an aghaidh Dundee United Disathairne.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte