'S dòcha gur e tàir breith a dh'fhàg gun deach mucan-mara air tìr an Leòdhas

Mucan-màra marbh air an Tràigh Mhòir
  • Air fhoillseachadh

Tha luchd-saidheans ag ràdh gur dòcha gur e muc-mhara aig an robh tàir breith a dh'adhbharaich gun deach còrr air 50 dhiubh air tìr ann an Leòdhas bho chionn trì bliadhna.

Chaochail 54 muc-mhara air an Tràigh Mhòir ann an Tolastadh bho Thuath san Iuchar 2023.

Ann an aithisg ùr, taobh a-muigh, thuirt eòlaichean gur dòcha gur e na dàimhean làidir a tha eadar nam beathaichean a dh'fhàg gun do lean iad muc-mhara bhoireann a bha ann an duilgheadas gu uisge eu-domhain.

Thuirt na h-eòlaichean bhon bhuidhinn SMASS, taobh a-muigh gu robh na beathaichean falainn aig an àm.

San aithisg aca, tha SMASS ag ràdh gun d' fhuair iad gun robh tàir breith aig muc-mhara bhoireann.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Thàinig 55 muc-mhara air tìr ann an Leòdhas is chaochail 54 dhiubh

"Dh'fhaodadh gun do dh'fhàg na dàimhean sòisealta làidir eatarra gun do lean a' bhuidheann gu lèir a' mhuc-mhara a bh' ann an duilgheadas gu uisge eu-domhain," thuirt an luchd-saidheans.

"Às dèidh dhaibh a dhol air tìr, cha b' urrainn dha na mucan-mara faighinn air ais gu muir iad fhèin àir sgàth na tìde-mhara agus cho mìn 's a bha a' ghainmheach."

Tha SMASS ag ràdh gun robh cho iomallach 's a tha Tolastadh bho Thuath bhuapa na dhùbhlan nuair a bhathar a' feuchainn ri cobhair a dhèanamh air na mucan-mara.

Thog iad air trioblaidean le siognail fòn is duilgheadasan carbadan fhaighinn chun na tràghad, is iad ag ràdh cuideachd gun do chuir uisge trom is gaoth làidir maill air an iomairt.

Às na 55 muc-mhara a chaidh air tìr, chaidh aig SMASS air tè dhiubh a chur air ais gu muir ach chaochail an còrr.

Tuilleadh air an sgeulachd seo