Muc-mhara mharbh ann an Cataibh

Muc-mhara dhronnachTùs an deilbh, Stefanie Roth-Geldard/@highland_croft
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh a' mhuc-mhara fhaicinn aig Loch Fleòid oidhche Chiadain.

  • Air fhoillseachadh

Chaidh muc-mhara fhaighinn marbh aig tèarmann nàdar air a' Ghàidhealtachd.

'Se muc-mhara dhronnach no humpback òg a chaidh fhaicinn air Loch Flòid faisg air Goillspidh air costa sear Chataibh oidhche chidain.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad an dùil gun tèid a' chlosach a ghluasad air ais gu muir leis an làn.

Muc-mhara dhronnachTùs an deilbh, Stefanie Roth-Geldard/@highland_croft

Bhiodh e an urra ri Comhairle na Gàidhealtachd no Riaghaltas na h-Alba cuidhteas fhaighinn den mhuc-mhara mas e is gun tig a' chlosach air tìr a-rithist.

'S ann le NàdarAlba a tha Tearmainn Loch Flòid.

Tha a' bhuidheann Scottish Marine Animal Stranding (SMASS) an dòchas gum bi cothrom aca deuchainean a dhèanamh air a' mhuc-mara airson rannsachadh dè thug bàs dhà.

Muc-mhara dhronnachTùs an deilbh, Stefanie Roth-Geldard/@highland_croft