Airgead airson bhàt'-aiseig bhig ùir do Dhiùra

- Air fhoillseachadh
Dhearbh Bòrd Cala Earra-Ghàidheal is Bhòid gun d' fhuair iad £19.6m bho Riaghaltas na h-Alba thairis air an ath dhà bhliadhna airson bhàt'-aiseig ùir do dh'Eilean Dhiùra agus airson obair leasachaidh a thoirt air bun-structar ùr a tha a dhìth.
Tòisichidh obair a-nise air de dìreach a tha a dhìth a thaobh soitheach a bhios a' seirbheiseachadh na coimhearsnachd agus eaconamaidh an eilein thar an ath 20-30 bliadhna, a rèir na Comhairle.
Bithear a' coimhead air meud, dè an seòrsa connaidh a bhios an aiseag a' cleachdadh, dè na bhios a dhìth de chirutha agus thèid beachdachadh cuideachd air na h-uisgeachan anns am bi am bàta.
Thèid obair a dhèanamh air a' bhun-structar aig a' chidhe aig Faolainn agus aig Port Asgaig gus am bi iad a' freagairt air an aiseag ùr.
Thuirt a' Chomhairle gu bheil an obair uile aig ìre gu math tràth agus gun tigeadh fiosrachadh air beulaibh a' Bhùird mar a leanadh chùisean air adhart.
Thuirt cathraiche Bòrd a' Chala, an Comh. Ross Moreland: "'S e pròiseact fada a tha seo a tha a' gabhail a-steach taic na coimhearsnachd, a thuilleadh air gnothachasan ionadail agus compàirtichean."
Thuirt Mgr Moreland gun robh e a' coimhead air adhart ri barrachd fhaighinn a-mach mun phròiseact mar a thèid an ùine air adhart.
Chaidh mìneachadh ann an aithisg do bhuill den bhòrd gun robh maoineachadh £5.6m aca airson 2026/27 glèidhte agus maoineachadh de £14m eile airson 2027/28.
Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a' ruith na seirbheis, taobh a-muigh.